An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
Loidhne 29:
 
== Teaghlach Cànain ==
Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-[[Seann-GàidhligGhàidhlig]] a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Scottish Gaelic" mar is trice anns [[a' Bheurla]] ged a bhiodh "Old Scots Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba canar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhàin ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig na h-Alba mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am [[Beurla na h-Alba]] oir tha ciall an dara fhacail seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na [[a' Bheurla Ghallda|Beurla Ghallda]] ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin.
 
'S i a' Gàidhlig na h-Alba an cànan dualchasach aig na [[Gàidheil]] agus tha ceangail daingeann aice ri [[Gàidhlig na h-Èireann]]. Ge-tà, tha àite fhathast aig a' Gàidhlig na h-Alba ann an [[dualchas na h-Alba]] agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air [[a' Ghaidhealtachd]] agus ann an [[Innse Gall]].