An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gàidhlig"

Content deleted Content added
Loidhne 49:
Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho [[Gàidhlig na h-Èireann|Ghàidhlig na h-Èireann]].
 
Thòisich a' Gàidhlig na h-Alba a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn [[Mì rùn mòr nan Gall]] agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Ghallda. Ged a bhàsaich a' GhàidhligGàidhlig na h-Alba anns a' chuid as motha den [[Galldachd|Ghalldachd]] bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean, [[Charraig]] agus na [[Gall-Ghàidhealaibh]] nam measg, cho fadalach ris an 18mh linn.
 
Ann am bliadhnaichean tràtha an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig na h-Alba bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidhinn de [[dual-chainnt|dhual-chainntean]] a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn [[Rìoghachd na h-Alba]]). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.
 
[[Faidhle:Sgurr alasdair.jpg|thumb|left|320px|Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh beinn ann an Alba air a bheil ainm Gàidhlig na h-Alba.]]
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gàidheal an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] an [[1746]]. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an ''[[Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge]]'' (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' leasachadh muinntir na Gàidhealtachd. Bhon a sin bha droch inbhe aig a' GhàidhligGàidhlig na h-Alba, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean na Gàidhealtachd]].
 
B’ e cunntas-sluaigh [[1891]] a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig na h-Alba, agus chaidh 210,000 a chlàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Gallda a’ ciallachadh gun robh a’ Gàidhlig na h-Alba a’ sìor-chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an [[1991]], cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig na h-Alba, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe.