An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "José Manuel Marroquín"

Content deleted Content added
smachd ùghdarrais
No edit summary
Loidhne 15:
Ghabh na [[Stàitean Aonaichte]] fàth air suidheachadh do-riaghlach na dùthcha aig àm Cogadh na Mìle Làithean airson còrdadh a leigeil, a tug còirichean air Panama dhuibh, gus canàl a thogail eadar an dà chuan. ‘S e Còrdadh Herrán–Hay a bha air, is thug e pìos fhearainn dhe 5 km ri gach taobh a’ chanàil agus smachd air Oirthir na dùthcha seachad dha na Stàitean Aonaichte.
 
Chuir an Riaghaltas aig Marroquín a chuid taic chun a’ chòrdaidh ach dhiùlt an Còmhdhail e. Chuir sin an fhearg air Riaghaltas na Stàitean Aonaichte agus cho-dhùin iad taic a thoirt dha Panama gus a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Ghairm iad neo-eisimeileachd oifigeil na Caolais air an [[3 an t-Samhain|treas latha dhen an t-Samhain|t-Samhain]] [[1903]], tro litir a leig fios chun an Riaghaltais ann am Bogotá. A bharrachd air sin, chuir iad soithichean cogaidh chun na dùthcha ùr sin airson ionnsaighean armachd bho Choloimbia a sheachnadh. Fhreagair Marroquín dhan chàineadh a fhuair e air sàilleabh gun do chaill e Panama mar a leanas: ''"Dè a tha sibh ag iarraidh? Fhuair mi aon phoblachd ach cuiridh mi dà air ais dhaibh."''
 
=== Foghlam ===