An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gallaibh"

Content deleted Content added
b corr using AWB
b corr using AWB
Loidhne 26:
| Làrach-lìn =
}}
Is e an sgìre as fhada dhan tuath air tìr mhòr de [[Gàidhealtachd na h-Alba]] a tha ann an [['''Gallaibh]]''' ([[Beurla]]: ''Caithness''). Tha i suidhichte air ceann an ear de ear-thuath na h-[[Alba]], le Linne a' Phentland dhan tuath. Chan eil crìoch aige le sgìre eile ach [[Cataibh|A' Chataibh]] a' mhàin.
 
== Dualchas & Eachdraidh ==
Tha dualchas Gàidhealach aig Gallaibh a dh'aindeoin a h-ainm,<ref>Old Statistical Account</ref> ach tha an dualchas sin air crìonadh gu mòr. Thadhal na [[Lochlannaich]] gun teagamh, ach chan eil ainmean àite na sgìre a thoirt fianais ris a' bheachd gun do stèidhich Lochlannaich bailtean-fhearann idir. Ged a tha eachdraidh Lochlannach aig na h-eileanan de dh'[[Arcaibh]] agus de [[Sealtainn|Shealtainn]] dhan tuath, tha eachdraidh Lochlannaich aig iomadh baile sìos cost an ear Sasainn; [[Ioirc]] mar eisimpleir, neo Cathair [[Corcaigh]] an [[Èirinn]] tòrr nas soilleir na eachdraidh "Lochlannaich" Gallaibh.
 
Mhair a' [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] anns na sgìrean siarach de Ghallaibh dhan 20mh linn.
 
A rèir an New Statistical Account de 1841, bu gann gun tuigsear facal Gàidhlig taobh sear de ''Burn of Clyth'', agus air an taobh siar dh'fhuiling a' Bheurla an dearbh dàin.
 
Ann an 1911 bha a' Ghàidhlig aig 1,685 daoine, a' riochdachadh 6.7% den sluagh, ged nach robh ach 22 dhaibh na b' òige na 20 bliadhna.
Loidhne 44:
 
== Rianachd na Sgìre ==
Bha Gallaibh na siorrachd fa-leth sìos gu 1974, nuair a chaidh eagar ùr air riaghladh ionadail na h-Albainn, bho 1974 gu 1996 bha dà inbhe de riaghaltas ionadail air feadh Alba. Rè an ùine sin bha Gallaibh na sgìre (le comhairle sgìreil) de Roinn na Gàidhealtachd. Chaidh ath-rèiteachadh air riaghaltas ionadail na dùthcha a-rithist ann an 1996, chaidh Gallaibh air a pasgadh a-steach ri roinn ùr don ainm "'''A' Ghàidhealtachd'''". Mhair siostam rianachd stèidhichte air na sgìrean de 1974 airson deichead eile gu Giblean 2007, nuair a chaidh ath-eagarachadh air a' Chomhairle, a tha an-diugh air an roinneadh airson adhbharan rianachd eadar trì sgìrean. Tha Gallaibh na pàirt den sgìre a thuath.
 
== Bailtean ==
Loidhne 70:
{{commons|Caithness|Gallaibh}}
{{Gallaibh}}
 
[[Roinn-seòrsa:Siorrachdan na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Alba]]