An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sabhal Mòr Ostaig"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 21:
 
Thòisich a' Cholaiste a' tabhann sgoiltean samhraidh is chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig, agus ann an 1983 bha Sabhal Mòr Ostaig deiseil gus a' chiad chùrsa adhartach làn-thìde a thabhann. Chaidh Sabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna 1997 'na com-pàirtiche acadaimigeach ann an Institiud OGE na Mìle Bliadhna, agus chinnidh e siud 'na [[Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean]] sa bhliadhna 2011.
 
Bhon chaidh a stèidheachadh, tha Sabhal Mòr air a bhith uabhasach cudromach ann an ath-bheòthachadh cànanach agus cultarail na Gàidhlig ann an Alba. A-nis, tha cliù eadar-nàiseanta aig a' Cholaiste:
 
* airson sgrùdadh eachdraidh agus litreachas na Gàidhealtachd, an dà chuid sna h-amannan a dh'fhalbh agus san latha an-diugh;
* airson rannsachaidh air a' phoileataigs agus air an fhoghlam a tha ceangailte ri ath-bheòthachadh mion-chànain, cho math ris an fhoghlam a bu chòir a bhith an lùib;
* agus airson a bhith an sàs ann an ealainean cruthachail na Gàidhlig, cho math ris na meadhanan craolaidh agus air-loidhne.
 
Thòisich [[Òraid an t-Sabhail]] sa bhliadhna 1990, agus tha i air a bhith a’ leantainn cha mhór gach bliadhna bhon uair sin.