An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Croitearachd"

Content deleted Content added
smachd ùghdarrais
Loidhne 1:
[[Faidhle:Croft in Upper Ardelve.jpg|thumb|right|Croit ann an [[Àird Eilbh|Àird Eilbh Uachdarach]] faisg air [[Loch Aillse]]]]
Is e modh aiteachaisàiteachais a tha ann an croitearachd. Is e gnìomh croitear a tha ann an '''croitearachd'''. Is croitear fear, neo té a sheilbheas ''gabhaltas'' croite. Is e a tha ann an croit mion-tuathanas a thathas seilbhichte fo gabhaltas croitearachd, nòs gabhaltais a tha dìonta anns an lagh. Is e am bun-phrionnsabal den modh ghabhaltais seo gu bheil an gabhaltas fhéin ann an seilbh an tí a phàigheas an màl. Faodaidh don ghabhaltach (am fear a phàigheas anam malmàl) a thoir neo reic a ghabhaltas ri treas tì mar a thogras e. Aig a cheann thall tha coireachan an gabhaltach anns an suidheachadh seo a' fàgail "tighearna" le oighreachd a tha fo an nosnòs gabhaltas seo as aonais uidhe anns an fhearainn air barrachd anam malmàl airson cleachdadh an fhearainn. Tha seo gu tur eu-coltach ri gabhaltasan airson tuathanasaibh àbhaisteach, nach ruith ach rè cumhnant-ghabhaltais, mar is tric de fichead bliadhna. Aig deireadh an teirm faodaidh don oighreachd a dh'aontaich gabhaltas eile neo faodaidh do tighearna an oighreachd a ghabhail an tuathanas thairis a fhèin, ma bhitheas na gabhaltasan gu lèir air an oighreachd a tighinn gu ceann còmhla bithidh cumhachd aig an tighearna a fhuadaich na tuathanaich far an oighreachd agus toirt am fearann gu lèir na làimh fhèin, mar a thachair 's an Lodaidh air oighreachd Hopetoun, faisg air Loch Iubhar anns a' bhliadhna 2008. Tha gabhaltas croitearachd, a' cuir bacadh air an leithid seo de fuadaich.
 
==Tùsan Gabhaltas Croitearachd ==
Ged a bhios mòran daoine a' cumail a-mach gu bheil gabhaltas croitearachd sònraichte ri na sgìrean croitearachd a-mhàin, chan eil sin buileach fìor. Is e a tha ann an gabhaltas croitearachd ach nòs gabhaltais ro-aithnichte an lagh na h-Alba fo an t-ainm "kindly tenancy" (gabhaltas coibhneil), roimhe meadhan an naoidheamh linn deug, bha am modh gabhaltas seo measaichte a bhith seann fhasanta agus cha do mhair e ach an Siorrachd DùnDhùn FrisPhris. Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas a sheasamh còirichean nan Croitearan an lùib sgrùdadh a' [[Coimisean Napier|Choimisean Napier]] ann an 1884 agus stèidheachadh [[Achd na Croitearachd (1886)]], lorg iad samhail airson "gabhaltas croitearachd" anns an gabhaltas coibhneil. Leis an inneal seo, sheachnaich an riaghaltas an rèitich a chaidh air dèanamh ann an Èirinn 's an comh-aimsir, far an d'fhuair na mion-tuathanaich Èireannach ceart am fearann a bha iad ag àiteachadh a cheannachd.
 
Tha gach croit clàraichte agus tha am màl a phàigheas an croitear air a rèitich bho àm gu àm le [[Cùirt an Fhearainn]]. Chan urrainn do chroit a bhith nas motha na 30 [[acair]]ean 'san fharsaingeachd (is chan eil e gu diofair dé am màl a th' oirre), air neo chan urrainn dhan mhàl a bhith nas àirde na £30 gach bliadhna (is chan eil e gu diofair dé cho mór 's a tha e).
 
== Na Sgìrean agus Siorrachdan Croitearachd ==
Tha "sgìrean croitearachd" sgapte air feadh sia Siorramaichsiorrachdan, ris an chanar na Siorrachdan Croitearachd. Is iad: Siorramachd [[Earra-Ghàidheal]], [[Siorrachd Inbhir Nis]], [[Siorrachd Rois]], [[Cataibh]], [[Gallaibh]], [[Sealltainn]]. Ach airson Sealltainn tha na siorramachdan seo gu lèir ann an [[Gàidhealtachd]] na h-Alba. Chan eil ach da shiorrachd 's a' Ghaidhealtachd nach eil 's na siorrachdan croitearachd-: Peairt agus Obar Dheathain, Da shiorrachd air iomall ear-deasdheas na Gaidhealtachd, a bha a' gabhail a-steach roinn Gaidhealtachd agus roinn Galltachd.
 
== Àiteachas Croitearachd ==
Loidhne 23:
* [http://www.ambaile.org.uk/gd/education/crofting/ AmBaile: Croitearachd]
* [http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/38008091 BBC Naidheachdan 2016-11-17: Fèill-stuic na Nollaige aig Margaidh Sprèidh Leòdhais 's na Hearadh] ''(aithris-bhideo 2:38)''
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:Croitearachd|*]]
[[Roinn-seòrsa:Àiteachas]]