An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Éideard Dwelly"

Chaidh 78 baidht a chur ris ,  2 bhliadhna air ais
smachd ùghdarrais is iomraidhean le teamplaidean
(smachd ùghdarrais is iomraidhean le teamplaidean)
 
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
'S e '''Éideard Dwelly''' ([[2 an Gearran|2.2. Gearran]] [[1864]], [[Twickenham]] - [[25 am Faoilleach|25.1. Faoilleach]] [[1939]] ) a rinn am faclair a bu chudromaiche sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] - ''Faclair Gàidhlig gu Beurla le dealbhan''. Chlò-bhuail, cheangail, agus chruinnich e e, agus rinn e na dealbhan cuideachd. Thàinig am faclair a-mach ann [[1911]]. 'S e [[Sasainn|Sasannach]] a bha ann bho thùs, ach shiubhail e leis an [[arm]] a dh’[[Alba]], far an do chuir e an t-ainm “Eòghann Dòmhnallach” air fhèin. 'S e obair luachmhor a rinn e, ach cha do ghabh e a-riamh an duais a b' fhiach e air a shon.
 
==Bheatha ==
Nuar a bha Dwelly fhathast san sgoil, thòisich ùidh mhòr a bhith aige ann an Gàidhlig agus ann am pìobaireachd. Ghabh e dha na London Scottish Volunteers, agus mar seo, bha cothrom aige a bhith a' cluiche na pìoba.<ref name=":0">{{ iomradh iris | sloinneadh = Gough, | ainm = Harold. "| tiotal = Eideard Dwelly, Eoghan MacDhòmhnaill agus Am Faclair Mòr". | iris = [[Gairm]] | leabhar = 164, | àireamh = Am Foghar | ceann-là = 1993.}}</ref> Ann an 1890s, dh'atharraich e ainm, oir bha Eòghan MacDhòmnaill nas fhreagarraiche airson a' phìobaire. Dh'fhàg e [[Sasainn]] agus ghluais e a dh'[[Alba]]. Phòs e boireannach aig an robh Gàidhlig, Màiri NicDhùghaill.<ref name=":0" /> Aig an àm seo, thòisich e obair air am faclair Gàidhlig ùr.
 
Thill an teaghlach a Shasainn a-rithist, agus bha iad a' fuireach ann am [[Skeete]], ann an sgìre [[Kent]], agus ann an [[Herne Bay]].
 
==Am faclair==
Tha am [[faclair]] a sgrìobh Dwelly ann an clò fhathast.<ref>{{ iomradh leabhar | sloinneadh = Dwelly, | ainm = Edward (| ceann-là = 1911), ''| tiotal = Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/The Illustrated Gaelic - English Dictionary'' (10mh Clò-bhualadh), | ionad = [[Dun Eideann|Dùn Èideann]]: | foillsichear = Birlinn Limited,| isbn ISBN= 1-874744-04-1}}</ref> Tha 1034 duilleagan ann agus iomadh dealbh. Tha e soilleir ris an leughadair gur e obair uabhasach mhòr a tha anns an fhaclair a rinn Dwelly. Ann an ro-ràdh an fhaclair sgrìobh Dwelly gun robh e taingeil don Rìgh airson a chuideachadh agus bha e taingeil cuideachd do a bhean. Nuair a bha Am Faclair deiseil, thòisich e obair air sloinneadh, ''Dwelly's Parish Records''.<ref name=":0" />
 
== Sgrìobhadh mu a dheidhinn ==
* Gough, Harold. "Eideard Dwelly, Eoghan MacDhòmhnaill agus Am Faclair Mòr". [[Gairm]] 164, Am Foghar 1993.
 
==Faic cuideachd==
* [[Faclairean Gàidhlig]]
 
== IomradhIomraidhean ==
<references/>
 
 
<!------[[Roinn-seòrsa:Sgoilearan Ceiltis]]---->
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Sgoilearan na Gàidhlig]]