An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Murad IV"

Content deleted Content added
No edit summary
smachd ùghdarrais is sgioblachadh
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e seachdamh ceannardSultan deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu ([[Gàidhlig]]: ''[[Impireachd nan Otomanach]]'') a bh' ann am '''Murad IV''' (tiotalan: ''Kayser-i Rûm'' - 'Cèasar an Roimhe - ', ''İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı'' - 'Neach-glèidhidh an dà [[Mosg|mhosg]]', Murād-ı Rābi -, [[Istanbul]] [[26 an t-Iuchar]] [[1612]] - Istanbul–Istanbul [[8 an Gearran]] [[1640]]).<ref>[http://www.allaboutturkey.com/ottoman_sultans.htm All About Turkey]</ref> B' e dara [[mac|mhac]] [[Ahmed I]] agus Kösem Sultan, às [[A' Ghrèig]], a bh' ann.<ref>Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press</ref> Bha e os cionn na [[Dùthaich|dùthcha]] bho [[1623]] gus a chaochail e ann an 1640. Bha e fo bhuaidh agus stiùireadh a [[màthair|mhàthar]] is cuid a dhaoine eile gu ruige 1632, air sàilleabh gu robh e uabhasach fhèin òg. Bha dubh-choimeasg ann fad bliadhnaichean o chionn ’s nach robh duine sam bi os cionn na stàite. Thug [[Ioràn]] ionnsaigh air [[Ioràc]], nochd ar-a-mach ann an [[Aisia Bheag]] agus ann an [[1631]] sheas na [[Yeniçeri]] an aghaidh mhinistearan ann an Istanbul. Chuir e a bhràthair-chèile gu bàs anns [[An Èipheit]]. Thoirmisg e iomadh rud coirbte. Chuireadh esan fhèin gu bàs duine sam bith a chitheadh a' cleachdadh [[Alcolalcol]], [[cofaidh]] agus [[tombaca]].<ref>Davis, William (1922). A Short History of the Far East. The Macmillan Company</ref> Bha e an aghaidh deoch làidir mar riaghladair ged a dh'òladh e fhèin torr.<ref>İnalcık, Halil; Imber, Colin (1989). The Ottoman Empire : the classical age, 1300-1600. New Rochelle, N.Y.: Aristide D. Caratzas. p. 99. ISBN 0-89241-388-3.</ref> Cuideachd mharbhadh e mòran dhaoine air adhbharan caran neònach. Thug e ionnsaigh air Ioràn ann an cogadh a mhair bho [[1623]] gu ruige [[1639]] agus cheannasaich e [[Asarbaideàn]], [[Baghdad]] agus [[Airmeinia]] an Iar. Chruthaich sin na crìochan eadar An Tuirc, Ioràn agus Ioràc gus ar làithean. Chuir e gu bàs prìosanaich agus sìobhaltach nam mìltean. Bha deichnear mic agus naoidhnear clann-nighean aige, ach cha do mhair ach còignear clann-nighean an deidh a bhàis.<ref>Disease and Empire: A History of Plague Epidemics in the Early Modern Ottoman Empire (1453--1600). ProQuest. 2008. p. 145. ISBN 978-0-549-74445-0</ref> Chaochail e le [[caitheamh a' ghrùthain]] nuair a bha e dìreach 27 bliadhna a dh'aois.
 
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:Rìghrean nan Otomanach]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Impireachd nan Otomanach]]