An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mustafa I"

Content deleted Content added
No edit summary
smachd ùghdarrais is sgioblachadh
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e còigeamh ceannardSultan deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu ([[Gàidhlig]]: ''[[Impireachd nan Otomanach]]'') a bh' ann am '''Mustafa I''' (tiotalan: ''Kayser-i Rûm'' - 'Cèasar an Roimhe - ', ''İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı'' - 'Neach-glèidhidh an dà [[Mosg|mhosg]]', far-ainm: ''Deli'' caothach - caothach, [[Manisa]] [[24 an t-Ògmhios]] [[1591]] - [[Istanbul]] [[20 am Faoilleach]] [[1639]]).<ref>[http://www.allaboutturkey.com/ottoman_sultans.htm All About Turkey]</ref> B' e còigeamh [[mac]] [[Mehmed III|Mhehmed III]] agus Halime Sultan, à [[Abkhazia]] a bh' ann.<ref>Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press</ref> Bha e os cionn na [[Dùthaich|dùthcha]] dà thuras: bho [[1617]] gu ruige [[1618]] agus an uair sin bho [[1622]] gu ruige [[1623]]. Rugadh e nuair a bha a [[seanair|sheanair]] [[Murad III]] fhathast air an rìgh-chathair agus bha mac agus dithis nighean.<ref>Sakaoğlu, Necdet (2008). Bu mülkün kadın sultanları: Vâlide sultanlar, hâtunlar, hasekiler, kadınefendiler, sultanefendiler. Oğlak Yayıncılık. p. 325. ISBN 978-9-753-29623-6.</ref>Cha do chuir a [[bràthair|bhràthair]] mòr [[Ahmed I]] gu bàs e nuair a dh'eug [[athair [[Mehmed III]], an aghaidh an tradaisein, agus mar sin mhair e beò.<ref> Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1</ref> Nuair a chaochail Ahmed I aig 23 bliadhna a dh'aois leis [[fiabhras-ballach|an fhiabhras-bhallach]] bha deagh staing ann leis gun do nochd suidheachadh nach do thachair a-riamh roimhe: iomadh prionnsa uabhasach fhèin òg le deagh agartas air an rìgh-chathair is iad uile ri chèile ann an Istanbul.<ref>Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predecessors.</ref> B' e Mustafa a chaidh a chrùnadh an àite [[Osman II]] an dèidh mòran dheasbad eadar nan caillteanach is ministearan agus a dh' aindeoin gu robh trioblaid inntinn aige. B' e a' chiad turais a chaidh bràthair a chrùnadh an àite mhic agus a rèir an aoise ann an eachdraidh nan Otomanach. Cha do mhair e fiù 's bliadhna mus ro a chur às a dhreuchd airson Osman II air sàilleabh gur robh e faiceallach dhan a h-uile duine gur robh e glan às a rian.<ref>Imber, Colin. The Ottoman Empire: The Structure of Power, 2nd ed. New York: Palgrave Macmillan, 2009, ISBN 0-230-57451-3.</ref> Ann an 1622 chaidh Osman II a chur gu bàs leis na [[Yeniçeri]] agus fhuair Mustafa I an crùn air ais fad bliadhna eile, gu ruige 1623. Chuir e gu bàs a h-uile duine a bha an lùib bàs Osman II. Chuireadh [[Murad IV]] na àite an ceann greis.
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:Rìghrean nan Otomanach]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Impireachd nan Otomanach]]