An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lucy Qinnuayuak"

Content deleted Content added
Created by translating the page "Lucy Qinnuayuak"
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 14:26, 8 dhen Fhaoilleach 2019

B' e neach-ealain Inuit a bh' ann an Lucy Qinnuayuak (1915-1982).[1] Tha a cuid saothair a' nochdadh ann an iomadh cruinneachaidhean agus chaidh a chleachdadh air bratach Oilimpigeach.

Eachdraidh-beatha

Rugadh Qinnuayuak ann an, no faisg air, Salluit, Québec ann an 1915. Nuair a bha i òg, dh'imrich an teaghlach gu Eilean Bhaffin, far an robh iad a' còmhnaidh ann an Cape Dorset. Na deugaire, chaidh banais a chur air dòigh dhi agus phòs i Tikituk Quinnuayuak.[2] B' e snaidheadair agus fear-ealain a bh' ann an Tikituk cuideachd.[3] Lean iad orra ann an dòigh-beatha traidiseanta le bhith sealg, a' gluasad mu cuairt an Rubha Foxe agus diofar champa leithid Shapujuak, Ittiliakjuk, Igalallik, agus Kangia.B' e an té-ealain eile, Kenojuak Ashevak, a niece.

Dreuchd an neach-ealain chliùitich

Thòisich Qinnuayuak air obair ealain anns na 1950an. Bu i aon de na ciad a fhreagair an iarrtas aig James Houston airson dealbhan Inuit.[4] Chaidh a' chlach airson Large Bear (1961) a thoirt dhan Ghailearaidh Tate, Lunnainn, le Sir Charles Gimpel. Chithear an-diugh e aig an Scott Polar Research Institute, Cambridge. Chaidh an obair aice a chleachdadh anns a' chruinneachadh  clò-bhualaidh Cape Dorset ann an 1961. Nochd 136 dealbhan a rinn i anns a' chruinneachaidh ro àm a bàis ann an 1982.Chleachd Qinnuayuak graphite agus peansailean dathte mar as tric, ach dh'fheuch i barrachd stuthan anns na 1970an–80an le dathan-uisge agus peant aicriolach. Aithnichte airson a dealbhan de dh'eòin artach, chaidh obair Qinnuayuak a thaisbeanadh gu tric ann an Canada agus ann an dùthchannan eile. Chaidh fear de na dealbhan a chleachdadh air bratach sanasach airson Geamannan Oilimpigeach an t-Samhraidh 1976.[5] Tha an dealbh cloiche We all have something to do anns a' chruinneachadh ealain Thùsail aig Senate Chanada.[6]

Tha obair Qinnuayuak air nochdadh ann an còrr is ceithir fichead taisbeanaidhean, a' gabhail a-steach An Clò-bhualadh Inuit a rinneadh le Roinn na h-Innseachan agus an Canadian Museum of Civilization, agus a rinn turas eadar-nàiseanta bho 1977 gu 1982. Chìthear a dealbhan ann an Gailearaidh Ealain Ontario, Taigh-Tasgaidh Eachdraidheil Chanada, an Inuit Cultural Institute, Gailearaidh Ealain na Sudbury agus an Ionad Ealain Macdonald Stewart.


Taisbeanaidhean àraid

  • Birds and Flowers: Eskimo Graphics le Lucy Qinnuayuak, Arctic Artistry, New York, 1989
  • Looking South: Winnipeg Art Gallery, 1978

Iomraidhean

  1. Teamplaid:Cite encyclopedia
  2. Leroux, Odette, Jackson, Marion; Freeman, Minnie Aodla (1996): Inuit Women Artists. San Francisco: Chronicle Books, td. 72. ISBN 081181307X. 
  3. QINNUAYUAK, Lucy”. Canadian Women Artists History Initiative.
  4. Leroux, Odette, Jackson, Marion; Freeman, Minnie Aodla (1994): Inuit women artists: voices from Cape Dorset. Vancouver, British Columbia: Douglas & mcIntyre, td. 72–73. ISBN 1-55054-131-5. 
  5. (1995): Lucy Qinnuayuak. Routledge, td. 455–456. ISBN 978-1-1356-3882-5. 
  6. LUCY QINNUAYUAK (1915–1982)”. Canadian Aboriginal Art at the Senate. Senate of Canada.

Tuilleadh leughaidh


  •