An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bocsa-chiuil"

Content deleted Content added
Bun-aiste
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 00:10, 30 dhen Dùbhlachd 2018

Bocsa-Ciuil: inneal chiuil saor-riobhaid, ainmichte airson a choltas ri bocsa. Is cruth an innil balg-seididh le ciste-riobhaid aig gach ceann. Air gach ciste riobhaid tha clar-iuchair. Tha clar-iuchair "treble" air air taobh deas agus clar-iuchair "bass" air an taobh cli. Mar is tric, tha an clar-iuchair treble coltach ri clar-iuchair piano. Chanar bocsa-phutain ris an nòs bocsa le rang putanan ann aite clar-phiano.

Ged nach deach an t-urachadh ach mu 1830, tha aite sonraichte aig a' bhocsa-chiuil ann an ceol traideseanta na Gaidhealtachd, an dà chuid an Alba agus an Eireann. Anns an latha an diugh tha bocsa-phiano nas cumanta ann an Alba, far a bheil e na phriomh-inneal airson dannsadh duthchail agus dannsadh-cheilidh, ach tha am bocsa-phutain nas cumanta an Eire.

Bocsa-chiuil (piano)

Am Bocsa-phutain

Eachdraidh

Chaidh urachadh air a'bhocsa chiuil anns a' Ghearmailt mu 1830 agus is anns a' Ghearmailt agus an t-Eadailt a tha na luchd-togail bu ainmeil. Bha na bocsaichean-chiuil bu traithe caran simplidh ach chaidh leasachadh mòr air an inneal rè an 19mh linn.