An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles Lapworth"

Content deleted Content added
Cuimrigh->a' Chuimrigh
smachd ùghdarrais
Loidhne 3:
 
== A Bheatha ==
Rugadh e san [[20 an t-Sultain|2mh den t-Sultain]] [[1842]] ann am Faringdon ann am ''Berkshire'' (an-diugh ''Oxfordshire'').
Fhuair Lapworth foghlam ann an ''Culham Diocesan Training College'' faisg air Abingdon airson a bhith na neach-teagaisg. An uair sin ghluais e do [[Comhairle nan Crìochan|na Crìochan]] far an do rinn e rannsachadh air fosailean nam beathaichean. Le mapadh mionaideach agus le modh-gabhail ùr-ghnàthach de sgrùdadh air fosailean sònraichte bha Lapworth a' sealltainn nach b' e dìreach aon sreath-leanmhainn tiugh de chreag Siluriananch ann ach gun deach sin a chruthachadh le mòran fhillidhean tana a bha air am pasgadh a-rithist is a-rithist. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach le fosailean gu h-àraidh le graptolites, a bha beò aig amannan sònraichte. Le sin bha e a' moladh gu bheil na creagan eadar na creagan Cambrach ann an ceann a tuath [[a' Chuimrigh|na Cuimrigh]] agus an fheadhainn Silurianach ann an ceann a deas na Cuimrigh a buntainn do dh'ùine gheòlasach ùr: an t-àm Òrdobhaiseach.
 
[[Faidhle:Index fossils.gif|thumb|Fosailean sònraichte a bha beò aig amannan sònraichte a-mhàin]]
 
Ann an 1869 phòs e Janet Sanderson, nighean a' mhaighstir-sgoile anns [[An Geal Àth|a' Gheal Àth]] agus bhon uair sin bha e airson fuireach anns an sgìre seo. Bha e fhèin na mhaighstir-sgoile fad 11 bhliadhna ann an sgoil na h-Eaglais Easbaigich anns a' Gheal Àth. An uair sin chaidh e air ais don oilthigh gus clach-eòlas ionnsachadh agus thòisich e ag obair mar neach-cuideachaidh ann am Madras College ann an [[Cill Rìmhinn]], [[Fìobha]]. Ann an 1881 b' e esan a’ chiad ollamh airson clach-eòlas ann am ''Mason's College'', (an-diugh [[Oilthigh Bhirmingham]]) far an robh e a' teagasg gus an do leig e a dhreuchd dheth.
 
Chuir e seachad ùine faisg air [[Diùranais]] le mapadh na [[Gàidhealtachd]] <ref>[http://www.birmingham.ac.uk/Images/College-LES-only/GEES/lapworth/ant-sron-1000x1375.jpg Dealbh de mhapa Lapworth ann an Diùranais] [[Oilthigh Bhirmingham]]</ref>.
B' e esan a' chiad fear a chruthaich an teòiridh chonnspaideach gun robh na creagan na bu sine nan laige air mullach nan creagan na b' òige. Bha e a' beachdachadh gum b' e pasgadh iom-fhillte a b' adhbhar. Chaidh an teòiridh a dhearbhadh le [[Ben Peach]] agus [[John Horne]] leis an obair a rinn iad air iar-thuath na Gàidhealtachd.
 
Loidhne 26:
*[http://www.birmingham.ac.uk/facilities/lapworth-museum/collections/archive/index.aspx Tasglann Lapworth aig Oilthigh Bhirmingham] (Beurla)
{{DEFAULTSORT:Lapworth, Charles}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Eòlaichean agus Innleachdairean]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine às an Rìoghachd Aonaichte]]