An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "José Manuel Marroquín"

Content deleted Content added
No edit summary
smachd ùghdarrais
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B’ e '''José Manuel Marroquín Ricaurte''' ([[Bogotá]] 6mh [[6 an Lùnastal|6mh an Lùnasdal]] [[1827]] – Bogotà 19mh [[19 an t-Sultain|19mh an t-Sultain]] [[1908]]) [[ùghdair]] agus [[stàitire]] à [[Coloimbia]],<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref> a bha na [[Cinn-suidhe Choloimbia|cheann-suidhe]] na [[dùthaich|dùthcha]] eadar [[1900]] agus [[1904]].<ref>[http://www.presidencia.gov.co/prensa_new/historia/josemanumarro.htm Oifis a' Chinn-suidhe]</ref><ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/biografias/marrjose.htm Leabharlann Luis Angel Arango]</ref> Bhuineadh e dhan teaghlach neartmhor Ricaurte, agus bha a shinnsearan an sàs ann an sabaid airson na neo-eisimeileachd. ‘S e ball [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàirtidh Tòraidh]] a bh' ann.
 
== Oideachadh agus Leabhraichean ==
Bha e ar a bhith an sàs ann an saoghal na sgoilearachd, ann an caochladh dhòigh, dìreach bhon na làithean òga aige. Chuidich e ri mòran phàipear-naidheachd; Sgrìobh e nithean oideachail an leabhar air speiligeadh [[Spàinntis]] ''«Tratado completo de ortografía castellana»'' (Bogotá, 1858) nam measg. Thuirt an sgoilear ainmeil Spàinnteach Juan Eugenio Hartzenbusch gur e "sàr obair" a bh’ann. A bharrachd air sin, sgrìobh e artaigilean air cleachdaidhean, litreachas, [[feallsanachd]] agus eòlas-chànan; rannsachadh beath-eachdraidheil agus eachdraidheil fhèin is tòrr bhàrdachd Shunndach. Tha an obair ris an canar ''«La Perrilla»'' (A’ Ghalla Bheag) gu math cliùiteach fhathast. Fhuair e deagh chliù airson an sàr nobhail aige ''«El Moro»'' (An t-Arabach), is thathar ag ràdh gur e obair phròiseil, taobh litreachais, gus an latha an-diugh.
 
== Ceann-suidhe na Dùthcha ==
Loidhne 13:
=== Call Panama ===
 
Ghabh na [[Stàitean Aonaichte]] fàth air suidheachadh do-riaghlach na dùthcha aig àm Cogadh na Mìle Làithean airson còrdadh a leigeil, a tug còirichean air Panama dhuibh, gus canàl a thogail eadar an dà chuan. ‘S e Còrdadh Herrán - HayHerrán–Hay a bha air, is thug e pìos fhearainn dhe 5 Kmkm ri gach taobh a’ chanàil agus smachd air Oirthir na dùthcha seachad dha na Stàitean Aonaichte.
 
Chuir an Riaghaltas aig Marroquín a chuid taic chun a’ chòrdaidh ach dhiùlt an Còmhdhail e. Chuir sin an fhearg air Riaghaltas na Stàitean Aonaichte agus cho-dhùin iad taic a thoirt dha Panama gus a chuid neo-eisimeileachd fhaighinn. Ghairm iad neo-eisimeileachd oifigeil na Caolais air an [[3 an t-Samhain|treas latha dhen [[an t-Samhain|t-Samhain]] [[1903]], tro litir a leig fios chun an Riaghaltais ann am Bogotá. A bharrachd air sin, chuir iad soithichean cogaidh chun na dùthcha ùr sin airson ionnsaighean armachd bho Choloimbia a sheachnadh. Fhreagair Marroquín Ricaurte dhan chàineadh a fhuair e air sàilleabh gun do chaill e Panama mar a leanas: ''"Dè a tha sibh ag iarraidh? Fhuair mi aon phoblachd ach cuiridh mi dà air ais dhaibh."''
 
=== Foghlam ===
 
Leasaich an Riaghaltas aig Marroquín siostam foghlam na dùthcha, tron [[lagh]] àireamh 39 dhen [[26 an Dàmhair|26mh latha [[an Dàmhair]] [[1903]]. Chaidh an siostam a sgaradh eadar na sgoiltean is na oilthighean, agus chaidh na sgoiltean a sgaradh eadar ceithir roinnean: bun-sgoiltean, sgoiltean àrd-ìre, agus na colaistean proifeiseanta, gnìomhachail agus ealanta.
 
== Iomraidhean ==
<references/>
{{DEFAULTSORT:Marroquín Ricaurte, José Manuel}}
{{Cinn-suidhe Choloimbia}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Coloimbia]]
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs]]
{{DEFAULTSORT:Marroquín Ricaurte, José Manuel}}
{{Cinn-suidhe Choloimbia}}