An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cath Raon Ruairidh"

Content deleted Content added
bNo edit summary
smachd ùghdarrais
Loidhne 1:
[[Faidhle:Clavers2.jpg|thumb|'''Claibhears''']]
B' e '''Cath Raon Ruairidh''' (Beurla: ''Battle of Killiecrankie'') a' chiad bhlàr dhen a' [[Na Seumasaich#Ar-a-mach 1688-89|chiad ar-a-mach]] a rinneadh le [[na Seumasaich]] air tìr-mòr Bhreatainn, ri linn mar a chaidh crùn Shasainn, Alba is Èirinn a thoirt air falbh bho [[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|Na Stiùbhartaich]] agus a bhuileachadh air [[Uilleam III Shasainn is II Alba|Uilleam III is II]]. Chaidh am blàr a chur air 27 an t-Iuchair, [[1689]], faisg air [[Coille Chneagaidh]] ann an [[Siorrachd Pheairt]]. Bha [[Iain Greumach Claverhouse, Biocant Dhùn Dè]], ris an canadh na [[Gàidheal|Gàidheil]] "Claibhears", na cheannard air na [[na Seumasaich|Seumasaich]], agus [[Seanailear Uisdean MacAoidh]] à [[Sgobharaidh]] os cionn feachd [[Uilleam III Shasainn is II Alba|Rìgh Uilleim]].
 
== Am Blàr ==
Loidhne 8:
 
Chaidh an latha le na Seumasaich, ach chaidh Claibhears a mharbhadh le peilear, agus thugadh bàrr air na Seumasaich le feachdan an riaghaltais aig [[Blàr Dhùn Chailleann]] mìos às dèidh a' bhlàir seo.
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:Na Seumasaich]]
[[Roinn-seòrsa:Gàidhealtachd]]