An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Segovia"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
| DUILLEAG = [http://www.segovia.es/ Duilleag Oifigeil]
}}
’S e [[baile]] mòr faisg air [[Ávila]] ann an cridhe [[An Spàinn|na Spàinne]] a th’ ann an '''Segovia''' ([[IPA]]: ''seˈɣoβja''). Tha e suidhichte aig 1,005m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=2465&k=cle Aemet Mongabay]</ref> 93km air falbh bho [[Madrid|Mhadrid]], prìomh-bhaile na Spàinne, agus 663km bho [[Barcelona|Bharcelona]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 56,047 daoine a’ fuireach ann an Segovia.<ref>[http://www.ine.es/ Cunntas-sluaigh na Spàinne]</ref> Tha e ainmeil air fad an t-saoghail airson an [[amar-uisge]] nan Ròmanach a tha a seo. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na [[Segovia (provincia)|Roinne Segovia]] a th’annth’ ann cuideachd.
== Freumhan an ainm ==
Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''Segobriga'' a tha ainm a' bhaile. 'S e ainm gu math Ceilteach a th' ann, bho ''Sego'' ([[Gàidhlig]]: ''buaidh'') agus ''briga'' ([[Gàidhlig]]: ''dùn''). Bheireadh sin Segburgh dhuinn ann an [[Alba]], leis gu bheil na faclan a' nochdadh anns na [[Cànan|cànain]] Gearmailteach (''sieg'' agus ''burg''). Chaidh an t-ainm arabachadh gu ''شقوبية'' (Šiqūbiyyah) ach 's e an t-seann ainm ann an [[Laideann]] a tha ga chleachdadh a-nis.<ref>Los topónimos: sus blasones y trofeos (la toponimia mítica), Galmés de Fuentes A., Real Academia de la Historia, [[Madrid]], [[2000]]</ref> A dh'aindeoin sin, tha cuid a' ràdh nach eil sin idir ceart agus gu robh an Segobriga mun do sgrìobh [[Livius]] agus [[Ptolomaidh]] faisg air Saelices, ann an Cuenca.
==Eachdraidh==
B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Bhuannaich [[Quintus Caecilius Metellus Pius]] cath an seo ann an [[75]] Ro Chrìosd. Mar a b’àbhaistb’ àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an [[1833]].<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> Thuit am baile dha na reubaltaich [[Faisisteachas|Faisisteach]] beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh-tòiseachaidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ann an [[1936]].<ref>Hurtado V., La Sublevación, [[2010]], Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1</ref>
 
==Cruinn-eòlas==
A rèir figearan an RiaghlataisRiaghaltais, 's e [[an t-Iuchar]] a' mhìos as teotha agus e [[am Faoilleach]] a' mhìos as fhuaire ann an Segovia.<ref>[http://www.aemet.es/es/serviciosclimaticos/datosclimatologicos/valoresclimatologicos?l=2465&k=cle Aemet]</ref> Cha tuit ach 476mm de dh'[[uisge]] air a' bhaile fad na [[bliadhna]] - 697mm nas lugha na [[Steòrnabhagh]] - leis gur e àite àrd tioram a th' ann.
 
== Bailtean Co-cheangailte ==