An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh Sìobhalta na Spàinne"

Content deleted Content added
smachd ùghdarrais
Loidhne 8:
|CEANN_LATHA_GU= [[1 an Giblean]] [[1939]]
|ÀITE= [[An Spàinn]]
|CASUS=Trioblaidean Creideimh agus PoiliteagachPoileataigeach
|ROINNEAN= [[An Spàinn]]
|BUIL= Bhuannaich na Nàiseantaich
Loidhne 35:
}}
 
B’ e cogadh uabhasach mòr, a mhair bho [[17 an t-Iuchar]] [[1936]] gu ruige [[1 an Giblean]] [[1939]], a th’ann '''Cogadh Sìobhalta na Spàinne''',<ref>[http://history-world.org/spanish_civil_war.htm World History]</ref> far a shabaid na daoine a bha dìleas do Riaghaltas [[Dàrna Poblachd na Spàinne]] an aghaidh an fheadhainn a dh’èirich na h-aghaidh fo stiùireadh an Seanailear [[Francisco Franco]]. Bhuannaich na reubalaich agus lean Franco san Riaghaltas gus a chaochail e an ceann 36 [[bliadhna]].<ref>[http://redescolar.ilce.edu.mx/redescolar/act_permanentes/historia/html/guerra_civil/index.htm Red Escolar]</ref> Thoisich an cogadh an dèidh Gairm nan Seanailearan ([[Spàinntis]]: ''pronunciamiento''), is an fheadhainn sin fo stiùireadh an Seanailear José Sanjurjo an aghaidh Riaghaltas laghail dàrna Poblachd na Spàinne. Bha an Riaghaltas sin air a thaghadh gu deamocratach agus bha Manuel Azaña na Cheann-suidhe air. Fhuair an t-ar-a-mach taic bho mòran bhuidhne traidiseanta, CEDA (Comann Neo-eisimeilach Luchd an làimhe Deise na Spàinne), rìoghairean agus [[Faisisteachas|Faisistich]] nam measg.<ref>[http://www.espagne-facile.com/guerre-espagne/511/ Espagne Facile]</ref>
 
Thug feachan an Airm ann am [[Maroco]],<ref>Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5</ref> [[Iruña]], Burgos, [[Valladolid]], [[Cádiz]], [[Córdoba, An Spàinn|Cordoba]], agus [[Sevilla]] taic dhan ar-a-mach. Ach cha do ghabh na gearrastanan anns na bailtean mòra mar [[Madrid|Mhadrid]], [[Barcelona]], [[València]], [[Bilbao]] neo [[Málaga]] ann. Le sin, bha An Spàinn air a sgaradh gu poiliteagach agus aig ìre armailteach. Thoisich na Reubaltaich, leis an Seanailear Franco os an cionn, ri cogadh caithreimh a thoirt air an Riaghaltas [[Lagh|laghail]] airson an [[dùthaich]] a ghabhail os làimhe. Gheibheadh [[A' Phortagail]],<ref>[http://www.historiasiglo20.org/HE/14b-1.htm Historias Siglo 20]</ref> Rìoghachd [[An Eadailt|na h-Eadailt]] agus na Nàsaich san [[A’ Ghearmailt|Ghearmailt]] cobhair do na Reubaltaich, fhad ‘s a chuideachach [[Meagsago]] agus an [[Aonadh Sobhiat]] an fheadhainn a bha ri taobh na Poblachd. Gabhadh dùthchannan eile, mar [[An Rìoghachd Aonaichte]] agus [[An Fhraing]], ri polasaidheanpoileasaidhean oifigeil dhe neo-eadraiginn. Bha làmh an uachdair aig na [[co-mhaoineas|Comannaich]] taobh a-staigh na Poblachd aig deireadh an latha, air sgàth gu tug [[Stailinn]] taic dhi.
 
Chaidh buirbe is uamhas a dheànamh leis a h-uile buidheann a bha an sàs sa chogadh.<ref>Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5</ref> Rinneadh [[murt]] is sgrios fuilteach gu siostamataigeach air na daoine anns na [[Sgìre|sgìrean]] a bha fo bhuaidh nam feachdan aig Franco gus an rèisim ùr a bhonntachadh. Thachair murt na bu lugha san talamh fo smachd na Poblachd, ann am bitheantas an cois bristeadh sìos an lagha anns a’ chiad dol a-mach an dèidh an [[Rèabhlaid]] fhèin. Dh’atharrachadh cho deònach ‘s a bha ùghdarrasan na Poblachd a bhith a ghabhail ris a’ mhurt sin bho àite gu àite.<ref>Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1</ref> ‘S e bha cogadh bruideil fuilteach dìoghrasach a bh’ann co-dhiù. Chaidh na mìltean dhe daoine àbhaisteach a mharbadh air sgàth na [[Creideamh|creideamhan]] neo na beachdan poiliteagach aca, fiù’s an dèidh crìoch a’ chogaidh ann an [[1939]], ri linn tòrachd nan Nàiseantaich air na Poblachdaich, is iad dìreach air an cogadh a chall.
Loidhne 48:
*[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/g/gaoir_na_h_eorpa.htm Gaoir na h-Eòrpa] le Somhairle MacGill-Eain
*[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/u/urnaigh.htm Ùrnaigh] le Somhairle MacGill-Eain
== FiolmaicheanFilmichean ==
===Gàidhlig===
*[http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/somhairle_macgilleain/cuspairean/?emp1=2&transcript=44534493#emp1 Tha Somhairle MacGill-Eain "a' bruidhinn mu phoilitigs na Spàinn agus a roghainn"]
Loidhne 58:
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:An Spàinn]]
[[Roinn-seòrsa:Cogadh]]