An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Èirisgeigh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 32:
Tha an sagart Ailein Dhòmhnallaich ([[Maighstir Ailean]]) gu math ainmeil airson nan dàn a rinn e mu dheidhinn na h-eilein ann an 19mh is 20mh linn. Bha Maighstir Ailean a sgrìobh bàrdachd, beul-aithris agus faclair a fhuair e bho mhuinntir ann an Uibhist a Deas agus eilean Èirisgeigh. Chaidh iad a' foillseachadh ann an leabhar "Eilein na h-Òige" ann an 2002.
 
Bha am bàta mòr, an [[SS Politician]], a’ seòladh tron Mhaoil anns a’ bhliadhna 1941. Chaidh i ann an trioblaidean leis an t-sìde agus bha i an sàs air banca-gainmhich agus an bogha faisg air an eilean Calbhaigh. Aon uair is gun d’fhuair iad an criutha sàbhailte air tìr agus gun cuala iad mu dheidhinn carago a’ bhàta chaidh a’ mhuinntir air ais dhan bata agus ghabh iad an t-[[uisge-beatha]] bhon bàta. Cha robh an t-oifigeir Customs agus Excise toilichte idir idir. Bha carago a’ bhata a’ dol dha na Stàitean Aonaichte agus cha do phàidh iad càin cusbainn air na botail alcol.
 
Dh’fhosgladh an cabhsair ann an 2001. ’S e structar math a th’ ann agus thug e don luchd-turais agus do mhuinntir an eilean cothrom nas fhèarr dol gu Uibhist a Deas.