An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Èirisgeigh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 30:
Co-dhùin Tighernas nan Eilean leis ‘MacDonalds of Clanranald’ agus cheannaich Còirneal Gordon à Cluny an talamh ann an 1838 agus thòisich na Fuadaichean. Shaoil Còirneal Gordon gun robh na caoraich math airson tairbheachd agus bha e a’ gluasad na muinntir a-mach.
 
Tha an sagart Ailein Dhòmhnallaich ([[Maighstir Ailean]]) gu math ainmeil airson nan dàn a rinn e mu dheidhinn na h-eilein ann an 19mh is 20mh linn. Bha Maighstir Ailean a sgrìobh bàrdachd, beul-aithris agus faclair a fhuair e bho mhuinntir ann an Uibhist a Deas agus eilean Èirisgeigh. Chaidh iad a' foillseachadh ann an leabhar "Eilein na h-Òige" ann an 2002.
 
Bha am bàta mòr, an [[SS Politician]], a’ seòladh tron Mhaoil anns a’ bhliadhna 1941. Chaidh i ann an trioblaidean leis an t-sìde agus bha i an sàs air banca-gainmhich agus an bogha faisg air an eilean Calbhaigh. Aon uair is gun d’fhuair iad an criutha sàbhailte air tìr agus gun cuala iad mu dheidhinn carago a’ bhàta chaidh a’ mhuinntir air ais dhan bata agus ghabh iad an t-uisge-beatha bhon bàta. Cha robh an t-oifigeir Customs agus Excise toilichte idir idir. Bha carago a’ bhata a’ dol dha na Stàitean Aonaichte agus cha do phàidh iad càin cusbainn air na botail alcol.