An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Àrd-sgoil a' Phluic"

Content deleted Content added
No edit summary
iomraidhean
 
Loidhne 1:
'S e àrd-sgoil le 290 de sgoilearan a th' ann an Àrd-sgoil a' Phluic anns a' [[Am Ploc|Phloc]] ann an Albainn. Tha na sgoilearan a' tighinn bho fad is farsainn bhon Chomraich san àird a tuath gu Gleann Eilg san àird a deas.<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.highland.gov.uk/directory_record/521730/plockton_high_school/category/382/secondary | tiotal = Schools - Plockton High School | foillsichear = [[Comhairle na Gàidhealtachd]] | ceann-là_inntrigidh = 2018-04-15}}</ref>

Bho dh'fhosgail [[Drochaid an Eilein Sgitheanaich|Drochaid an Eilein]] tha barrachd is barrachd a' tighinn bho cheann a deas an Eilein Sgitheanaich a bhiodh roimhe seo a' dol gu Àrd-sgoil Phort Righ. Tha ostail bheag aig an [[sgoil]] airson sgoilearan a tha a' tighinn bho fad air falbh - gu h-àraid an fheadhainn a tha a' dol gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd.
 
==Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd==
 
Bho thòisich i sa bhliadhna 2000, tha Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd air a bhith suidhichte aig Àrd-sgoil a' Phluic. 'S e seo an aon sgoil nàiseanta ann an Albainn airson ciùil traidiseanta. Faodaidh sgoilear sam bith bho air feadh Albainn iarratas a chur a-steach. Bidh a' mhòrchuid aca a' fuireach san ostail.<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.musicplockton.org/ | tiotal = Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd | foillsichear = Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd | ceann-là_inntrigidh = 2018-04-15}}</ref>
 
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Foghlam]]