An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mariano Ospina Pérez"

Content deleted Content added
No edit summary
is bogsa smachd ùghdarrais
Loidhne 4:
== Teaghlach agus Foghlam ==
 
‘S e mac Tulio Ospina Vásquez agus Ana Rosa Pérez Puerta a bh’ann, is mar sin ‘s e ball fear dhe na teaghlaichean na bu chudromaiche ann an Saoghal a’ Phoileataigs aig ìre nàiseanta bh’ann co-dhiù: bha dithis sheann cheann-suidhe na dùthcha anns an teaghlach sin, a sheanair [[Mariano Ospina Rodríguez]] agus [[bràthair-athar]] [[Pedro Nel Ospina Vásquez]]. Phòs e Bertha Hernández de Ospina, a bha a measg na chiad mnathan a fhuair àite anns an t-Seanaidh.
 
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an Sgoil San Ignacio de Loyola ann am Medellín, is an uair sin aig Colaiste na Mèinnean dhe Antioquia, far an tug e ceum mar innleadair na mèinnean ann an [[1914]]; rinn e turas fad dà bhliadhna agus fhuair e oideachas a bharrachd thall thairis anns an [[Louisiana]], [[Lunnainn]] agus [[Paris]], far an do rinn e cùrsa neo dhà mu dheidhinn gnothaichean an [[siùcar|siùcair]], [[Eaconomachd]], an caidreamh tionnsgalach, siostaman co-oibreachaidh, gnothaichean na mèinnean agus na rèilichean.
Loidhne 35:
Thoisich an còmhstri sìobhalta ris an canar [[An t-Ainneart]] (Spàinntis: La Violencia) nuair a bha e os cionn an Riaghaltais, air sàilleabh gu robh na Tòraidhean, le taic bhon an Riaghaltas fhèin, a’ sgiùrsadh na Mìleantaich Libearalach. Thoir sin, agus cur gu bàs Gaitán air 9mh [[an Giblean]] [[1948]], [[Am Bogotazo]] gu buil, a chruthaich fìor dhroch ùpraid air feadh na dùthcha. B’ fheudar dha Ospina Riaghaltas an Aonaidh Nàiseanta a chur air dòigh, a dh’fhàilnich an ceann greiseag. Rinn na Libearalaich dubh-chàineadh air Ospina, is dh’fheuch an fheadhainn dhuibh anns a’ phàrlamaid ri cùis-lagha poileataigeach a dhèanamh na aghaidh anns a’ Chòmhdhail. Nuair a fhuair a-mach Ospina, cho-dhùin e an Còmhdhail a dhùnadh ([[1949]]) agus chuir e poileasaidhean aintighearnail air bhog a dh’fhosgail deichead dhe [[deachdaire|deachdaireachd]] sìobhalta agus armachd ann an Coloimbia. Thill Riaghaltas sìobhalta ann an [[1958]] air sàilleabh Còrdaidhean na Buidhne Nàiseanta, is cha robh Ospina fhèin an aghaidh a’ cheum sin.
 
Chaidh Gómez fhèin a thaghadh mar fhear-ionaid Ospina ann an [[1949]] leis gu robh an t-ainneart a’ dol bho neart gu neart air feadh na dùthcha. An ceann greiseag dh’fhàs an dithis a bhith nan nàmhaideannàimhdean poileataigeach garg, rud a chuthach droch sgaraidhean am broinn Pàrtaidh nan Tòraidh ann an Coloimbia.
 
== Tachartasan an dèidh an Riaghaltais ==
Dh’fhàs Ospina a bhith na cheannard geug mheadhanach nan Tòraidh agus mar sin bha e gu tur an aghaidh an uachdranachd chruaidh dhe Laureano Gómez: bha e fiù’s an sàs ann an gnothach [[1953]] a chuir Gustavo Rojas Pinilla, an t-seann Ministear a’ Phuist agus an Telegraf aige, os cionn an Riaghaltais. Ach an ceann dà bhliadhna, bha e soilleir nach robh an rèim aig Rojas cho adhartach co-dhiù agus leis gu robh an Riaghaltas sin a’ dol an aghaidh na beachdan agus na com-pàirtean aige, agus thug Ospina a chuid thaic air falbh dhà. An dèidh phàirt a ghabhail ann an steidheachadhstèidheachadh na Buidhne Nàiseanta ([[Spàinntis]]: Frente Nacional), chaidh Ospina a mholadh mar thagraiche a’ chinneas a-rithist ann an [[1962]] agus [[1974]], ach do rinn e an gnothach; ‘S e an t-seann cheann-suidhe [[Misael Pastrana Borrero]] a dh’fhàs a bhith am fear-ionaid aige mar cheannard nan Tòraidh meadhanach mu dheireadh thall.
 
== Ceanglaichean Aa-mach ==
 
[http://www.sanignacio.edu.co/ Sgoil San Ignacio de Loloya]
Loidhne 46:
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Template:Cinn-suidhe Choloimbia}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]
[[Roinn-seòrsa:Poileataigs]]