An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh Catharra Ameireaganach"

Content deleted Content added
b →‎Toiseach a' Chogaidh: All info is kept in Wikidata, removed: {{Link FA|als}} (3) using AWB (10903)
is bogsa smachd ùghdarrais
 
Loidhne 17:
Aig àm a' chogaidh [[1812]] eadar na Stàitean Aonaichte agus a' Bhreatainn Mhòr, bha an aon uibhir de stàitean saora sa bha stàitean far an robh tràillealachd ceadaichte. Bha sin a' ciallachadh gu robh co-ionnanachd eadar an dà chuid de stàitean anns an t-Seanaid far an robh dhà sheanair aig gach stàite. Cha robh na stàitean tràillealachd deònach idir an cuid co-ionnanachd a chall. Mu dheireadh ann an [[1820]], cho-dhùin iad, bho sin a-mach stàitean ùra a leigeil a-steach nan càraidean, an dàrna tè saor agus an tè eile tràillealachd. Mar sin, cha chailleadh na stàitean tràillealachd an cuid co-ionnanachd de chumhachd.
 
Ach tro thìde, dh'fhàs tràillealachd na bu chonspaidichechonnspaidiche anns na stàitean a tuath. Nochd iomairtean aig an robh amas cuir às dhan tràillealachd anns na stàitean a deas agus dh'fhàs na stàitean a tuath aindeònach stàitean tràillealach a bharrachd a leigeil a-steach do na Stàitean Aonaichte.
 
Thòisich cùisean a' fàs teann anns na [[Bliadhna|bliadhnaichean]] a lean an cogadh an aghaidh [[Meagsago]]. Bhuanaich na Stàitean Aonaichte dhaibh fhèin cuid mhòr dhen dùthaich a bh' aig Meagsago ro làimh agus air sàilleabh sin, bho sin a-mach, bha deasbad mòr ann: am biodh na stàitean a rachadh a chruthachadh às tràillealachd neo saor?
 
Thàinig an deasbaid gu teann ann an [[1854]] nuair a chaidh roinn [[Kansas]] stèidheachadh. Chaidh co-dhùnadh gum b' e muinntir Kansas fhèin a cho-dhùnadh an tigeadh Kansas a-steach mar stàit thràillealachd neo shaor. Thàinig tòrr mòr de dhaoine a-steach dhan Kansas, cuid airson tràillealachd 's cuid an aghaidh 's an dàrna taobh a' feuchainn an taobh eile a phutadh a-mach às an Kansas. Bhris fòirneart a-mach 's mhair seòrsa de chogadh catharra ann an Kansas mu leth-dhusandhùsan bliadhna gu ruige thoiseach an cogadh catharra aig ìre nàiseanta.
 
== Sgaradh ==
Loidhne 90:
 
As dèidh glacadh Dùin Sumpter, ghairm Ceann-suidhe Lincoln 75,000 saighdearan mailisidh a-steach dhan seirbhis an riaghaltais fheadarail airson 90 làithean gus ar-a-mach a chuir sìos. Sa cheann an ear, bha cùisean gu math cugallach an toiseach. Bha feachdan a deas gan cruinneachadh air taobh thall na h-aithne Patomac ann an Virginia mu coinneamh [[Washington D.C.]] Agus 's e glè bheag de shaighdearan bho thuath a bh' anns a' bhaile fhèin a bheireadh dìon air 's b' e gu math duilich do na feachdan bho thuath faighinn a-steach air air sàilleabh aimhreit a bh' air cùil a' bhaile ann an Maryland.
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:Cogadh]]
[[Roinn-seòrsa:Eachdraidh]]