An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Michiel de Ruyter"

Content deleted Content added
No edit summary
is bogsa smachd ùghdarrais
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e '''Michiel de Ruyter''' ([[IPA]]: '''miˈχil ˈaˑdrijaˑnˌsoˑn də ˈrœy̆tər''', ainm slàn: Michiel Adriaenszoon de Ruyter, [[Vlissingen]], [[24 am Màrt]] [[1607]] - Bàgh Siracusa, [[29 an Giblean]], [[1676]]) àrd-mharaiche às [[Na Tìrean Ìsle]]. Chaidh e gu muir nuair a bha e dìreach 11 [[bliadhna]] a dh'aois agus,<ref>[http://www.deruyter.org/geschiedenis.html Stichting de Ruyter]</ref> mean air mhean thigeadh e air adhart: [[1633]] na leas-chaiptean, [[1637]] na chaiptean, [[1654]] na leas-àrd-mharaiche, [[1654]] na àrd-mharaiche. Bha e cho mhòr-chòrdte leis na maraichean sa chabhlach gun do chuireadh am far-ainm ''Bestevâer'' ([[Duitsis]]: seanair) air.
 
Thathar dhen bheachd gur e an t-àrd-mharaiche na b' fheàrr a bh' ann a-riamh ann an [[eachdraidh]] na [[Dùthaich|dùthcha]], agus am fear na b' ainmeile co-dhiù. Bha na rinn e ri linn a' chiad Chogadh [[Sasainn]] - Tìrean Ìsle uabhasach cudromach.<ref>[http://entoen.nu/michielderuyter En Toen]</ref> Bha e an sàs ann an caochladh chogadh san [[Muir Baltach|Bhaltach]] agus an aghaidh Spùinneadaireachd anns [[Muir|a' Mhuir]] Mheadhanach. Ann an [[1672]],<ref>[https://www.rijksmuseum.nl/nl/ontdek-de-collectie/tijdlijn-nederlandse-geschiedenis/1672-rampjaar Rijksmuseum]</ref> rè [[Rampjaar|Bliadhna na Dosgainne]], thugadh ionnsaigh air a thaigh, leis gur robh dlùth dàimh ann eadar de Ruyter agus [[Johan de Witt]], a cliamhainn.<ref>[http://www.innl.nl/page/14475 National Historisch Museum]</ref> Bha de Ruyter thall thairis aig an àm. Chaidh De Ruyter a leònadh is e an sàs ann an cath aig Siracusa,<ref>[http://www.geschiedeniszeeland.nl/tab_themas/themas/michielderuyter/ Geschiendenis Zeeland]</ref> far a bhàsaich e.
Loidhne 10:
<references/>
{{DEFAULTSORT:Ruyter, Michiel de}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Daoine às na Tìrean Ìsle]]
[[Roinn-seòrsa:Cogadh]]