An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill"

Content deleted Content added
No edit summary
earrannan, iomradh is smachd ùghdarrais
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
 
Rugadh '''Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill''' (no '''Dòmhnall Iain Dòmhnallach''') ann am [[Peighinn nan Aoireann]] ann an [[Uibhist a Deas]] ’sa bhliadhna [[1919]], an treas leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’ e [[seanchaidh]] ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd am measg bàird [[Clann Dhòmhnaill|Chlann Dòmhnaill]], na MicRuairidhMhicRuairidh, air [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilean Sgitheanach]].<ref name="bno">{{iomradh lìon | url = http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/domhnall_iain_domhnallach/ | tiotal = Bliadhna nan Òran - Òrain: Sgrìobhaichean, Dòmhnall Iain Dòmhnallach | foillsichear = BBC | ceann-là_inntrigidh = 2018-03-05}}</ref> Air taobh a mhàthar bha [[Dòmhnall Ruadh Phàislig]] aige mar uncail agus b’ e Aonghas MacGille-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncail, Niall, fhuair e eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh shònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris an 17mh agus 18mh linn.
 
== Cogadh ==
 
Aig aois 18 ghabh e àite anns [[a’ Mhailisidh]]. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an [[Dàrna Cogadh|Dara Cogadh Mòr]]. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala e an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dha fhèin cho borb ‘s a bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] den arm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt orra. Cha robh aca ach gunnaichean làimh agus iad a' sabaid an aghaidh thancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chur sìos gus nach biodh an còrr bàis ann.
Line 8 ⟶ 10:
 
Cha robh gràin sam bith aige air na Gearmailtich. Bha e dhen bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na [[Gàidheal|Gàidheil]] agus na [[Gearmailteach|Gearmailtich]], ged a bha feadhainn de na ceannardan aca fo riaghail an t-Sàtain, na bheachd-sa.
== Creideamh ==
 
Bha a chreideamh [[Caitligeach]] a-riamh cudthromach dha, agus nuair a dh’atharraich an lagh gus cead a thoirt seachad [[casg-leatrom|casg-leigheas]] fhaighinn bha dragh air Dòmhnall Iain. Fhad 's a bha iomadach neach a' bruidhinn a-mach airson còirichean na màthar cha robh guth ann airson an leanaibh nach d’ rugadh fhathast. Mar bhàrd, thog Dòmhnall Iain a ghuth air an son agus sgrìobh e am pìos ''‘An Guth à Broinn na Màthair’''.
 
Line 15 ⟶ 17:
Bha Dòmhnall Iain mothachail gun robh cho briathrach ‘s a bha am bàrdachd aige ga fhàgail doirbh a thuigsinn, aig amannan, do’n t-sluagh mhòr. Agus tha e coltach gun do rinn e oidhirp stoidhle nas simplidh agus tradaiseanta a chleachdadh nuair a bha e a' sgrìobhadh nan laoidhean aige agus ‘s iad na pìosan as ainmeil, aithnichte ‘san latha an diugh.
 
== Iomraidhean ==
 
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Uibhistich]]