An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Harry Lauder"

Content deleted Content added
No edit summary
smachd ùghdarrais is iomradh eile
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
 
'S e seinneadair Albannach a bh' ann an '''Harry Lauder''' ([[4 an Lùnastal|4mh an Lùnastal]] [[1870]] – [[26 an Gearran|26mh an Gearran]] [[1950]]). Rugadh agus thogadh e ann an [[Dùn Èideann]],<ref name="cna">{{iomradh lìon | url = https://www.nrscotland.gov.uk/research/learning/hall-of-fame/hall-of-fame-a-z/lauder-harry | tiotal = Sir Harry Lauder (1870-1950) | foillsichear = Clàran Nàiseanta na h-Alba | ceann-là_inntrigidh = 2018-02-26}}</ref> ach dh'fhalbh a mhàthair còmhla ris an teaghlach an toiseach gu [[Obar Bhrothaig]] ann an [[1882]] nuair a chaochail athair, agus ann an [[1884]] gu taigh a bhràthar ann an [[Hamilton]]. Dh'fhàg Harry an sgoil an uair sin, is thòisich e obair ann an Eddlewood Colliery. 'S ann an sin a choinnich e ri Ann Vallance, is phòs iad ann an [[1891]].<ref name="cna"/>
 
Fiù 's nuair a bha e gu math òg, b' àbhaist do Harry a bhith a' gabhail òrain gach turas a bhiodh cothrom aige, anns an talla-chiùil, no fiù 's anns a' mhèinn am measg an luchd-obrach.
 
Dh'fhàs e ainmeil gu luath is choisinneadh e deagh thuarasdal sna taighean-cluiche air feadh [[Alba]], le òrain mu dheidhinn chuspairean traidiseanta à Alba is à [[Èirinn]], ann an stoidhle "Music Hall" no "Vaudeville" a bha fasanta aig an àm. Òrain a rinn e fhèin, m.e. ''GloaminRoamin' in the Gloamin' '', ''I Love a Lassie'' agus ''A Wee Deoch-an-Doiris''.
 
Bhiodh fèileadh mhòr agus bonaid an-còmhnaidh air, is bhiodh e a' togail inntinn nan Albannach le òrain a bhrosnaicheadh fèin-aithne nàiseantach ann an dòigh èibhinn is aotrom, gu tric còmhla ri fealla-dhà is dannsaichean leis a bhata toinnte. Mar a thuirt [[Winston Churchill]], b' e esan an tosgaire a b' fheàrr a-riamh aig na h-Albannaich.
Loidhne 14:
 
Chaochail e ann an 1950 ann an [[Srath Abhainn]], nuair a bha e faisg air 80 bliadhna a dh'aois.
 
== Urraman ==
Chaidh e na ridire ann an 1919.<ref name="cna"/>
== Iomraidhean ==
<references/>
 
{{DEFAULTSORT:Lauder, Harry}}
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Luchd-ciùil Albannach|Harry Lauder]]
[[Roinn-seòrsa:DaoineLuchd-ciùil à Alba|Harry LauderAlbannach]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]