An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Port Bhruachaidh"

Content deleted Content added
iomradh
teamplaid ùr
 
Loidhne 1:
{{Baile ann an Alba
| AINM = Port Bhruachaidh
| DEALBH = BroughtyWaterFront.jpg
| GLACADH = An t-seann bhaile-iasgaich
| LEUD = 56° 28′ 3.49″ T
| ASTAIR = 2° 52′ 8.78″ I
| Domhan-leud = 56.47
| Domhan-fhad = -2.87
| COMHAIRLE = [[Comhairle Baile Dhùn Dè]]
| SIORRACHD = [[Aonghas]]
| COMHARRADH =NO465309
}}
B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am '''Port Bhruachaidh'''<ref>{{iomradh lìon
| url = https://www.ainmean-aite.scot/placename/broughty-ferry/
| url = http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=1546
| tiotal = Broughty Ferry/Port Bhruachaidh
| foillsichear = [[Ainmean-Àite na h-Alba]]
| ceann-là_inntrigidh = 20162017-0912-2510
}}</ref> (Beurla Ghallda: ''Brochtie''), a tha a-nis na phàirt de [[Dùn Dèagh|Chathair Dhùn Dèagh]], suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach [[Linne Tatha]], air taobh ear na h-[[Alba]]. Canaidh muinntir a' bhaile ''The Ferry'' ris, agus 's e '''Broughty Ferry''' an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar [[iomall-bhaile]] Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e '''Port Bhruachaidh''' an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig '''Brocht-Brochtie''' is an uairsin '''Broughty''' sa [[Beurla|Bheurla]]. Bhathas a' cuideachd a' toirt "Brothaig" air ann an Gàidhlig, agus 's e ainm Gàidhlig eile a th' air a' bhaile '''Aiseag Bhrothaig'''. B' e [[borgh (riaghaltas ionadail)|borgh]] neo-eisimileacheisimeileach a bh' ann am Port Bhruachaidh bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach do [[Borgh Rìoghail|Bhorgh Rìoghail]] Dhùn Dè ann an 1913.
 
[[Faidhle:BroughtyWaterFront.jpg|thumb|left|280px|An t-seann bhaile-iasgaich]]
 
[[Faidhle:BroughtyCastleEvening.jpg|thumb|right|280px|Caisteal Bhrothaig]]
Line 16 ⟶ 26:
Chaidh [[Caisteal Bhrothaig]] a thogail ann an 1492, 's e a' dìon beul na h-aibhne gu 1932. Ach, a-rèir coltais, chaidh an caisteal, mar a tha e an-diugh, a thogail aig deireadh na naoidheimh linn deug, air an dearbh làraich far an robh an t-seann Daingneach. Tha e na sheasamh air roinn creige am Beul na Tatha.
 
Bha an [[Caistealcaisteal]] seo an sàs gu mòr ann an Cogaidhean ris na Sasannaich agus cuideachd ann an [[Cogadh Sìobhalta Shasainn.]]. Ghabhadh le [[cabhlach]] Shasannach e sa bhliadhna 1547, agus thugadh air ais bhuapa e le cabhlach [[Albannach|Albannaich]] is [[Frangach|Fhrangaich]] sa bhliadhna 1550. B' e seo [[sèist]] a chuir crìoch air a' [[cogadh|chogadh]] mu dheireadh eadar [[Alba]] agus [[Sasann]]. Tha toll ri fhaicinn ann am balla a' chaisteil agus bhathas a' cumail a-mach am beul a' bhaile gur e balla canain a dh'adhbhraich e, ach chan eil cinnt ann ma tha seo fìor, gus nach eil. Tha an caisteal an-diugh na thaigh-tasgaidh a tha saor an-asgaidh. Tha an taisbeanadh a' foillseachadh diofar àm ann an eachdraidh an àite, mar eisimpleir: [[gnìomhachas nam mucan-mara]], [[gnìomhachas an diut]], cogaidhean agus mar sin air adhart. Gheibh luchd-tadhail sealladh air [[dualchas nàdair]] an àite cuideachd.
 
Mus deach a' chiad drochaid-rèile an Tatha a thogail ann an 1878, b' e bat'-aiseig a bha a' ceangladh an loidhne-rèile bho Obar Dheidhinn gu Dùn Èideann eadar [[Port na CreigeStonehaven]] agus Port Bhruachaidh.
 
Chaidh [[bàta-teasairginn]] a' bhaile, [[Bàta-teasairginn Mona]], a chall san Dùbhlachd, 1959 leis a h-uile neach a bh' air bòrd, 's iad a' feuchainn ri [[long]] a bha [[eadar-dha-leann]] a shàbhaladh.