An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles Lapworth"

Content deleted Content added
No edit summary
Cuimrigh->a' Chuimrigh
Loidhne 4:
== A Bheatha ==
Rugadh e san [[20 an t-Sultain|2mh den t-Sultain]] [[1842]] ann am Faringdon ann am ''Berkshire'' (an-diugh ''Oxfordshire'').
Fhuair Lapworth foghlam ann an ''Culham Diocesan Training College'' faisg air Abingdon airson a bhith na neach-teagaisg. An uair sin ghluais e do [[Comhairle nan Crìochan|na Crìochan]] far an do rinn e rannsachadh air fosailean nam beathaichean. Le mapadh mionaideach agus le modh-gabhail ùr-ghnàthach de sgrùdadh air fosailean sònraichte bha Lapworth a' sealltainn nach b' e dìreach aon sreath-leanmhainn tiugh de chreag Siluriananch ann ach gun deach sin a chruthachadh le mòran fhillidhean tana a bha air am pasgadh a-rithist is a-rithist. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach le fosailean gu h-àraidh le graptolites, a bha beò aig amannan sònraichte. Le sin bha e a' moladh gu bheil na creagan eadar na creagan Cambrach ann an ceann a tuath na [[a' Chuimrigh|na Cuimrigh]] agus an fheadhainn SiluriananchSilurianach ann an ceann a deas na Cuimrigh a buntainn do dh'ùine gheòlasach ùr: an t-àm Òrdobhaiseach.
 
[[Faidhle:Index fossils.gif|thumb|Fosailean sònraichte a bha beò aig amannan sònraichte a-mhàin]]
Loidhne 13:
B' e esan a' chiad fear a chruthaich an teòiridh chonnspaideach gun robh na creagan na bu sine nan laige air mullach nan creagan na b' òige. Bha e a' beachdachadh gum b' e pasgadh iom-fhillte a b' adhbhar. Chaidh an teòiridh a dhearbhadh le [[Ben Peach]] agus [[John Horne]] leis an obair a rinn iad air iar-thuath na Gàidhealtachd.
 
Chaidh a thaghadh mar bhall den Chomann Rìoghail ann an 1888 agus fhuair e ''Royal Medal'' ann an 1891<ref>[http://royalsociety.org/DServe/dserve.exe?dsqIni=Dserve.ini&dsqApp=Archive&dsqCmd=Show.tcl&dsqDb=Persons&dsqSearch=%28Surname=%27lapworth%27%29&dsqPos=1 Comann Rìoghail]</ref>. Ann an 1899 fhuair e an ''Wollaston Medal'', an duais a b' àirde den ''Geological Society of London'' air sgàth na h-obrach aige air a' Ghàidhealtachd agus ann am Monadh a Deas. 'S ann air Lapworth a tha an loch eigheadail "Lake Lapworth" air ainmeachadh.
 
Chaochail e san [[13 am Màrt|13mh dhen Mhàrt]] [[1920]] ann am [[Birmingham]]. Tha taigh-tasgaidh Lapworth ann am Oilthigh Bhirmingham le tasglann de na rannsachaidhean a rinn e<ref>[http://www.birmingham.ac.uk/facilities/lapworth-museum/about/index.aspx Taigh-tasgaidh Lapworth]</ref>.