An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair Gray"

Content deleted Content added
b ceangal a chàradh
Aonghas Dubh
Loidhne 5:
Rugadh agus thogadh e ann an [[Glaschu]]. Bha e na oileanach aig [[Sgoil-ealain Ghlaschu]] agus dh'obair e mar pheantair aig taighean-cluiche ann an Glaschu. Sgrìobh e dealbh-chluichean airson an rèidio agus bha e na bhall buidheann sgrìobhadair Philip Hobsbawm còmhla ri [[Tom Leonard]] agus [[James Kelman]]. Dh'fhoillsich e a chiad nobhail, ''Lanark'' ann an 1981. Bha e leth-fhìor-riochdail, leth-fhantasach, le dà earrainn ann an Glaschu fhèin agus dà earrainn ann an Unthank agus Provan, tionndaidhean ficseanail de Ghlaschu.<ref>{{iomradh lìon | tiotal = BBC Two - Writing Scotland - Alasdair Kelman | url = http://www.bbc.co.uk/programmes/profiles/4rJJdlDsW7ClfFmqfxydbvq/alasdair-gray | foillsichear= BBC | ceann-là_inntrigidh = 2017-09-07}}</ref>
 
Sgrìobh e cruinneachadh rò-ràdhan ann an 2000, ''The Book of Prefaces'', le faclan o Ghray fhèin agus sgrìobhadairean eile, leithid [[Aonghas Dubh MacNeacail|Aonghas MacNeacail]], [[Iain Mac a' Ghobhainn]], [[A. L. Kennedy]], [[Janice Galloway]] agus [[Roger Scruton]].<ref>{{iomradh leabhar | tiotal = The Book of Prefaces | ainm = Alasdair | sloinneadh = Gray | foillsichear = Canongate | ISBN = 0747544433 |ceann-là=2000}}</ref>
Tha e cuideachd na neach-iomairt agus tha e air obraichean poileataigeach fhoillseachadh, mar eisimpleir ''Why Scots Should Rule Scotland'' agus ''How We Should Rule Ourselves'' còmhla ri [[Adam Tomkins]].<ref>{{ iomradh leabhar | tiotal = How We Should Rule Ourselves | sloinneadh = Gray | ainm = Alasdair | ùghdar_eile = [[Adam Tomkins|Tomkins, Adam]] | ceann-là = 2004 | foillsichear = Canongate | ISBN = 978-1841957227 }}</ref>