An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Edward Said"

Content deleted Content added
b sràcan
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
{{Template:Sgrìobhadair
| AINM = Eideard Said
| DEALBH = SaidSis.jpg
| RUGADH = [[Faidhle:Palestine-Mandate-Ensign-1927-1948.svg|22px]] [[Ierusalem]] [[1 an t-Samhain]] [[1935]]
| BÀS = [[Faidhle:Flag of the United States.svg|22px]] [[Eabhraig Nuadh (baile)|Eabhraig Nuadh]] [[25 an t-Sultain]] [[2003]]
| OBAIR = [[Cànanaiche]]
| CÀNAN = [[Arabais]]/[[Beurla]]
| LINN = [[20mh linn]]
| GLUASADAN =
| CREIDEAMH = [[Easbaigeachas]]
}}
 
B' e sgoilear Palastaineach a bh’ ann an '''Edward Wadi Said''' a rugadh ann an [[Ierusalem|Ierusalam]] air [[1 an t-Samhain]] [[1935]] nuair a bha [[Palastain]] fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn ([[Easbaigeachas]]) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “''Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach''” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor òigridh ann an sgoiltean Ierusalam, ach an dèidh a' chogaidh eadar [[Iùdhachd|na h-Iùdhaich]] agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu [[Cairo]] far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns [[an Èipheit]], chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns [[na Stàitean Aonaichte]] aig Oilthigh Phrinceton agus [[Oilthigh Harvard]]; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an [[Eabhraig Nuadh (baile)|New York]]. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit [[Iosrael]] is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na [[an Roinn Eòrpa|Roinn-Eòrpa]] air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an [[An Ear Mheadhanach|Ear-Mheadhanaich]] is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le [[aillse]] airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air [[25 an t-Sultain]] [[2003]].
Line 19 ⟶ 9:
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Palastainiach]]
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Aimeireaganach]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Palastain]]