An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Content deleted Content added
b Deasachaidhean a chaidh a thilleadh leis 194.83.172.71 (an deasbaireachd) dhan mhùthadh mu dheireadh le Caoimhin
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
[[Faidhle:Somhairlemacgilleain2.png|right|300px|thumb|Somhairle MacGill-Eain]]
 
'S e prìomh bhàrd [[Gàidhlig]] an fhicheadamh linn a bh' ann an '''Somhairle MacGill-Eain '''(26 an Dàmhair 1911, [[Òsgaig]] - 24 an t-Samhain 1996, [[Inbhir Nis]]). Dh' atharraich e saoghal [[bàrdachd]] na [[Gàidhlig]] gu tur nuair a dh'fhoillsich e [[Dàin do Eimhir|''Dàin do Eimhir'']] ann an 1943. Tha an sreath bàrdachd seo a' suathadh air gaol, briseadh-cridhe, [[An Cuilthionn]], [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]], [[Ùisdean MacDhiarmaid]], [[co-mhaoineas]] is [[nàiseantachas]], uaireannan anns an aon dàn.
 
== Sgeulachd Beatha ==
Loidhne 10:
Air gach taobh bha na daoine bhon tàinig e tàlantach a thaobh òran, ciùil agus bàrdachd. Bha dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean anns an aon teaghlach ri Somhairle agus bha tàlantan sònraichte nam measg fhèin cuideachd.
 
Bha [[An Eaglais Shaor ChleireachChlèireach|an Eaglais Shaor-Chlèireach]] làidir ann an Ratharsair nuair a bha MacGill-Eain òg. 'S e cuspair dha-rìribh inntinneach a th' ann cuideachd dè a' bhuaidh a bha aig an eaglais air a shealladh air an t-saoghal agus air beatha. Tha facail agus ìomhaighean a bhuineas do chreideamh a' nochdadh tric na obair agus chithear e gan cleachdadh gus teachdaireachd làidir a thoirt mu ar coinneamh. Mar eisimpleir, anns a' bhàrdachd "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/c/calbharaigh.htm Calbharaigh]" is ann air bochdainn a' bhaile mhòir a tha e a' bualadh. Ann an "[http://www.sorleymaclean.org/bardachd/u/urnaigh.htm Ùrnaigh]" tha e ga rùsgadh fhèin agus ag ràdh gur e "cridhe sgàinte" a tha aige-san.
 
Dh'fhàs e an-àird le beartas de [[beul-aithris|bheul-aithris]] ga chuairteachadh agus còmhla ri sin bha e geur-mhothachail air eachdraidh riaslach a dhaoine tro na linntean. Ghabh bràthair a sheanar pàirt anns an strì ainmeil a ghabh àite ann am [[Bràighe]] an [[an t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanaich]] ann an 1882. Bha cuimhne nan tachartasan sin fhathast beò air beul an t-sluaigh an uair a bha Somhairle òg agus tha a h-uile coltas gun do rinn iad làrach dhomhain ann.
Loidhne 117:
[[Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
[[Roinn-seòrsa:Ratharsair]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]