An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mehmed III"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e treas ceannard deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu ([[Gàidhlig]]: ''[[Impireachd nan Otomanach]]'') a bh' ann am '''Mehmed III''' (far-ainmean: ''Kayser-i Rûm'' - Cèasar an Roimhe - ''İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı'' - Neach-glèidhidh an dà [[Mosg|mhosg]] - [[Manisa]] [[26 an Cèitean]] [[1566]] - [[Istanbul]] [[22 an Dùbhlachd]] [[1603]]).<ref>[http://www.allaboutturkey.com/ottoman_sultans.htm All About Turkey]</ref> B' e a' chiad [[mac|mhac]] [[Murad III|Mhurad III]] agus HürremSafiye Sultan, à [[Albàinia]]. a bh' ann.<ref>Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press</ref> Bha e os cionn na [[Dùthaich|dùthcha]] bho [[1595]] gus a chaochail e ann an 1603. Rugadh e nuair a bha a [[seanair|sheanair]] [[Süleyman I]] fhathast air an rìgh-chathair. Thoisich e a bhith na shultan is e a' chur a 19 bhràithrean gu bàs los gun seasadh iad na aghaidh.<ref> Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1</ref> Cha robh uidh aige air riaghladh na dùthcha leis gu robh e cho leisg leis a' chu agus b' e a [[màthair|mhàthair]] Safiye Sultan a dhèanadh an gnothach na àite. Le sin, cha b' urrainn dha còmhstri eadar a chuid mhinistearan a fhuasgladh. Bha an dùthaich ann an [[cogadh]] gu math cosgail fad 13 bliadhna an aghaidh [[An Ostair|na h-Ostaire]] fo na Habsburg gu ruige [[1606]]. B' e cogadh gun toraidhean a bh' ann: bhuannaich na Otomanaich ann an [[Transylvannia]] ach chaill iad ann an [[Wallachia]] an aghaidh [[Mihai Viteazul]].<ref>Finkel, Caroline. Osman's Dream: The Story of the Ottoman Empire, p.175. Basic Books, 2005. ISBN 0-465-02396-7</ref> Cuideachd b' fheudar dha ar-a-mach a measg a chuid [[saighdear|shaighdearan]].Chaochail e gu math òg, aig 37 bliadhna a dh' aois, leis [[plàigh|a' phlàigh]] no [[stròc]].<ref>Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predexessors.</ref> Bha sianar mic aige, dithis dhuibh a bha nan sultain fhèin: [[Ahmed I]] agus [[Mustafa I]].<ref>Tezcan, Baki. Searchimg For Osman: A Reassessment Of The Deposition Of Ottoman Sultan Osman II (1618-1622)</ref>
 
Bha 21 mic aige, is chaidh 20 dhuibh a chur gu bàs nuair a dh'eug am athair. A bharrachd air sin, chaill e 16 nigheannan a-mach à 20 dhan a' phlàigh.<ref>Disease and Empire: A History of Plague Epidemics in the Early Modern Ottoman Empire (1453--1600). ProQuest. 2008. p. 145. ISBN 978-0-549-74445-0</ref>
 
B' e gur robh suidheachadh eaconomach na h-Impireachd gu math cugallach nuair chaidh Murad III a chrùnadh. Bha an [[Roinn-Eòrpa]] loma-làn [[airgead]] is [[òr]] à [[Aimearaga]], agus bha atmhorachd na thrioblaid chruaidh dhan dùthaich. A bharrachd air sin, thoisich an Roinn-Eòrpa ri teicneolas ùr a dhèanamh agus b' fheudar dhan Impireachd phàigh mòran air a shon-sa.
 
Bha an dùthaich ann an [[cogadh]] gu math cosgail fad 12 bliadhna an aghaidh [[Iran]] gu ruige [[1590]]. Cha d'fhuaras ach pìos beag talmhainn ann an [[Cabhcas]] a fhuair Iran air ais ann an [[1618]].<ref>Roemer, H.R. (1986). "The Safavid period". The Cambridge History of Iran, Volume 5: The Timurid and Safavid periods. Cambridge: Cambridge University Press. ISBN 9780521200943</ref>
 
Cha robh uidh aige air [[cogadh]] agus ceannsachadh is b' e na ministearan a bh' aige a bha a' riaghladh na dùthcha na àite. Cha deidheadh e a-mach à Istanbul agus fiù ’s cha deidheadh dhan Mhosg los gun cuireadh an t-[[arm]] aige gu bàs e.
 
Chaochail e gu math òg, aig 37 bliadhna a dh' aois, leis [[plàigh|a' phlàigh]] no [[stròc]].<ref>Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predexessors.</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>