An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Selim II"

Chaidh 80 baidht a chur ris ,  4 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
(Chaidh duilleag le "{{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e aonamh cheannard deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu (Gàidhlig: ''Impireachd nan Otomanach'') a bh' an..." a chruthachadh)
 
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e aonamh cheannard deug na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu ([[Gàidhlig]]: ''[[Impireachd nan Otomanach]]'') a bh' ann an '''Süleyman II''' (far-ainmean: ''Sarhoş'' - drongaire - ''Sarı'' - bàn- [[Istanbul]] [[28 an Cèitean]] [[1524]] - Istanbul [[12 an Dùbhlachd]] [[1574]]).<ref>[http://www.allaboutturkey.com/ottoman_sultans.htm All About Turkey]</ref> B' e an còigeamh [[mac]] [[Süleyman I]] agus Hürrem Sultan a bh' ann.<ref>Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press</ref> Bha e os cionn na [[Dùthaich|dùthcha]] bho [[1566]] gus a chaochail e ann an 1574. Cha robh e idir coltach gum biodh esan na shultan ach b' e seannsa a bh' ann màthair adhbhar na cùise: chaochail a [[bràthair|bhràthair]] Mehmed leis [[galar breac|a' ghalar bhreac]], chaidh a leth-bhràthair Mustafa a mhùchadh le athair agus chuir Selim I agus Selim II gu bàs a bhràthair eile, Şehzade Bayezid. Phòs e aig Cecelia Venier Baffo ann an [[Konya]] ann an [[1545]].<ref>Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem[https: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire//www.geni.com/people/Nurbanu-Sultan/4874513433610079177 Oxford: Oxford University PressGeni]</ref> Cha robh uidh aige air [[cogadh]] agus ceannsachadh is b' e na ministearan a bh' aige a bha a' riaghladh na dùthcha na àite. Chuireadh e seachad a h-ùine is e ri raoitearachd is geòcaireachd.<ref>Turan, Serafeddin, "Selim II", (1940 ve sonrasi) İslam Ansiklopedisi, C.X say.434-444, Ankara ve İstanbul:Türkiye Cumhuriyeti, Maarif Bakanlığı</ref> Cha do chuidich Impireachd nan Otomanach ar-a-mach nam Muslamach thall ann an [[Granada]] san [[An Spàinn|Spàinn]]. Chuir e ainm gu còrdadh na sìthe le [[Ìmpireachd Naomh na Ròimhe]] ([[Gearmailtis]]: ''Heiliges Römisches Reich''). Chailleadh Cath Lepanto an aghaidh An Spàinn agus corr dhùthaich san [[An Eadailt|Eadailt]] ann an [[1571]] agus cha b' urrainn Impireachd nan Otomanach a cuid talmhainn a leasachadh san [[An Ruis|Ruis]]. Bha an dùthaich beagan na bu shoirbhachaile ann an [[Hejaz]], [[Tunis]] agus [[Iemen]].<ref>[https://www.ecured.cu/Selim_II Ecured]</ref>
 
== Iomraidhean ==
38,029

deasachadh