An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Armen Garo"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[neach-poileataigs]], neach-iomairt agus [[riochdaire dioplòmasach]] à [[Airmeinia]] a bh' ann an '''Armen Garo''' (fior ainm: ''Karekin Pastermadjian'', [[Aimeanais]]: ''Գարեգին Փաստրմաճեան'', [[Erzurum]] [[9 an Gearran]] [[1872]] - [[Geneva]] [[23 am Màrt]] [[1923]]).<ref>Kaligian, Dikran Mesrob (2011). Armenian organization and ideology under Ottoman rule, 1908-1914 (Rev. ed.). New Brunswick, NJ: Transaction. ISBN 1412848342</ref> An dèidh na [[sgoil|sgoile]] fhàgail, chaidh e dhan [[oilthigh]] ''École Nationale Supérieure d'Agronomie et des Industries Alimentaires'' (ENSAIA) ann am [[Vandœuvre-lès-Nancy]] thall san [[An Fhraing|Fhraing]], far an robh e an sàs anns an ''Dashnaktsutyun'',<ref>[http://www.tert.am/am/news/2012/03/15/kusakcakakan-hayastan/459790 Յուրաքանչյուր երկրորդ չափահաս հայաստանցին կուսակցակա՞ն]</ref> a' bhuidheann a bha a' sabaid airson neo-eisimeileachd do dh'Airmeinia an aghaidh [[Impireachd nan Otomanach]]. Leig e dheth an oilthigh agus thill e dhachaidh ri shabaid an dèidh a' Mhuirt a rinneadh ann an Süleymanlı (Aimeanais: ''Զէյթուն'') ann an [[1895]]. An ceann [[bliadhna]] bha e an lùib ionnsaigh a thug an Dashnaktsutyun air Banca nan Otomanach ([[Turcais]]: ''Osmanlı Bankası Baskını'') ann an [[Istanbul]].<ref>Bloxham, Donald. The Great Game of Genocide: Imperialism, Nationalism, and the Destruction of The Ottoman Armenians. Oxford: Oxford University Press, 2005, p. 53. ISBN 0-19-927356-1</ref> B' fheudar dha an dùthaich fhàgail fad bliadhnaichean. An dèidh ar-a-mach nan Turcach Òga (Turcais: ''Jön Türk Devrimi'') ann an [[1908]], thill e dhachaidh agus chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid. Chaidh aige Achd a chur tron phàrlamaid a bhrosnaicheadh leasachaidhean ann an siostam nan trèanaichean. Nuair a fhuair an dùthaich aige a chuid neo-eisimeileachd, eadar [[1918]] agus [[1920]], dh'ainmicheadh e mar [[tosgair|thosgair]] sna [[Na Stàitean Aonaichte|Stàitean Aonaichte]].<ref>Derogy, Jacques. Resistance and Revenge: The Armenian Assassination of the Turkish Leaders Responsible for the 1915 Massacres and Deportations.</ref> Chaochail e le [[greim-cridhe]] ann an Geneva ann an 1923. Cha robh e ach 51 bliadhna a dh'aois.<ref>[http://hairenik.com/vfp/armen-garo/ Hairenik]</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>