An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Trabzon"

Content deleted Content added
Loidhne 19:
'S e [[baile]] mòr, [[port]] agus sgìreachd bhaile ([[Turcais]]: ''büyükşehir belediyesi'') air costa a tuath [[An Tuirc|Poblachd na Tuirce]] a th' ann an '''Trabzon''' ([[IPA]]: ''tɾɑpiˈzɔn'', [[Airmeanais]]: ''Տրապիզոն'', [[Greugais]]: ''Τραπεζοῦς''). Tha Trabzon suidhichte faisg air [[Erzurum]] eadar [[A' Mhuir Dhubh]] agus na [[Beinn|Beanntan]] ''Kaçkar'', san roinn (Turcais: ''ili'') [[Trabzon İli|Trabzon]], dìreach aig ìre na mara. Tha 766,782 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.tuik.gov.tr/Start.do Cunntas-sluaigh na Stàite]</ref> 'S e an naoidheamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
==Eachdraidh==
Chaidh am baile a stèidheachadh san [[9mh Linn]] ro [[Ìosa Chrìost]] le Greugaich à Sinope ann an [[Aisia Bheag]]. Chaidh a chlàradh airson a' chiad turais anns an ''Anabasis'', a sgrìobh [[Xenophon]]. Nuair a bhris [[An t-Impireachd Bheasantian]] a-mach à chèile chaidh rìoghachd ùr a stèidheachadh an seo air an robh ''Impireachd Thrabzon'', a mhair mar dhùthaich shaor far an robh Greugais ga bruidhinn bho [[1204]] gu ruige [[1461]]. Chaidh am baile a thoirt a-steach do [[Impireachd nan Otomanach]] an dèidh sin. Chruthaich daoine à [[Genova]] agus [[Venezia]] air an robh ''Leonkastron''. Chèilidh [[Marco Polo]] air a' bhaile ann an [[1261]]. Rinneadh droch sgrios air an togalach anns [[a' chiad Cogadh]].<ref>[http://mentalfloss.com/article/78651/wwi-centennial-russians-capture-trabzon Mental Floss]</ref> Bha na Greugaich làidir ann an Trabzon gu ruige [[192]] nuair a chaidh iad a chur a-mach às an dùthaich. Dh'fhulang na [[Airmeinia|Airmeinianaich]] sgrios-cinnidh an seo aig an aon àm: chaidh mu of 50,000 duine a chur gu bàs.<ref>Laub, Rebecca Joyce Frey ; foreword by Dori (2009). Genocide and international justice. New York: Facts On File. ISBN 0816073104</ref>
 
== Daoine Ainmeil ==