An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bayezid II"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e ochdamh ceannard na Osmanlı Devleti/Osmanlı İmparatorluğu ([[Gàidhlig]]: ''[[Impireachd nan Otomanach]]'') a bh' ann am '''Bayezid II''' (ainm eile: ''Bayezid-ı sānī'', [[Didymoteicho|Dimetoka]] [[3 an Dùbhlachd]] [[1447]] - [[Istanbul]] [[26 an Cèitean]] [[1512]]).<ref>[http://www.allaboutturkey.com/ottoman_sultans.htm All About Turkey]</ref> B' e a' chiad [[mac]] [[Mehmed II]] agus Gülbahar Hatun a bh' ann. Bha e os cionn na [[Dùthaich|dùthcha]] bho [[1481]] - 'S ann coltach gun do mharbh e athair le stuth puinnseanta ann an [[Gebze]] - gu ruige [[1512]] nuair a chaochail e fhèin. B' fheudar dha shabaid an dà chuid an aghaidh corra dhuine taobh a-staigh na h-Impireachd aige ([[Bràthair|a bhràthair]] Cem agus feadhainn eile) agus [[VeniceVenezia]] agus [[Iran]] taobh a-muigh. An dèidh bhliadhnaichean rinn e a chùis air feachdan Venice anns na [[Peloponnese]].<ref>Ochsenwald, W., & Fisher, S. (2003). The Middle East: A History. New York: McGraw-Hill.</ref> An dèidh gun do chuireadh na h-[[Iùdhachd|Iùdhaich]] agus na [[Ioslam|Muslamaich]] a-mach às [[An Spàinn]], b' e Bayezid II a thug iad dhan Impireachd aige, far an robh iad nan tàmh fad linntean gus an tàinig [[Hitler]] dhan chumhachd sa [[A' Ghearmailt|Ghearmailt]]. Rinn Bayezid II droch chàineadh air [[Fernando à Aragon]]: ''Esan a tha an rìoghachd aige a' fàgail bochd is an rìoghachd agam fhìn a' beairteachadh!''<ref>[http://www.historyofinformation.com/expanded.php?id=2731 History of Information]</ref> Chuir na h-Iùdhaich piseach air [[eaconomaidh]] na stàit agus nochd teicneolas air feadh na h-Impireachd agus b' e linn an òir do chultair nan Iùdhach a lean na rinn Bayezid II.
== Iomraidhean ==
<references/>