An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manuel Azaña Díaz"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha]]}}
B' e Manuel Azaña Díaz ([[Alcalá de Henares]], [[10 am Faoilleach]] [[1880]] - [[Montauban]], ([[An Fhraing]], [[3 an t-Samhain]] [[1940]] <ref>{{Iomradh iris|ainm = Emile|sloinneadh = Témime|ùghdar_eile =|ùghdaran_eile =|ceann-là = Arkheia, iris 19|tiotal = De l’exil à la mort : le désespoir d’Azaña|iris = Arkheia revue d‘ histoire|leabhar =|àireamh =|duilleagan =|foillsichear =|ionad =|ceann-là_inntrigidh = 2016-08-17|url = http://arkheia-revue.org/De-l-exil-a-la-mort-le-desespoir-d.html?artsuite=0#gros_titre}}</ref>) fear-[[lagh|lagha]], [[neach-poileataigs]] agus sgrìobhadair às [[an Spàinn]]. ‘S e Ceann-suidhe [[Dàrna Poblachd na Spàinne]] a bh' ann bho 1936 gu [[1939]]. Bha e na fhear-poileataigs agus na òraidiche uabhasach cudromach, a-measg an fheadhainn na b' fheàrr na Spàinne san [[20mh Linn]] co-dhiù, a bharrachd air a bhith gu math cliùiteach mar sgrìobhadair agus mar fhear-aithris cuideachd. Choisinn e an Duais Nàiseanta an Litreachais ([[Spàinntis]]: Premio Nacional de Literatura) ann an [[1926]] airson an leabhair ''La Vida de Juan Valera'' ([[Gàidhlig]]: Beatha Juan Valera), ach ‘s e pìos dhràma ''La Velada en Benicarló'' (An Oidhche Bhàn am Benicarló), mu dheidhinn na Spàinne tro na [[30an]] a th' ann an obair na b' ainmeile a sgrìobh e. ‘S e fear dhe na tobraichean eachdraidheil as fheàrr gus an linn sin a thuigsinn a th' ann an leabhar-latha aige.