An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Nikos Zachariadis"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
 
B' e prìomh rùnaire Pàrtaidh Comannach [[A' Ghrèig|na Grèige]] a bh' ann am '''Nikos Zachariadis''' ([[Greugais]]: ''Νίκος Ζαχαριάδης'', [[Edirne‎|Adrianolpolis]] [[27 an Giblean]] [[1903]] - [[Surgut]] [[1 an Lùnastal]] [[1973]]). Bha [[athair]], Panagiotis Zachariadis, na eòlaiche ann an taigh-gnìomhachais [[Tombaca]]. Ghluais Nikos òg à [[Istanbul|Constantinople]] ann an [[1919]], far an d' fhuair cothroman obrach agus far an do thoisich ann an [[saoghal]] poileataigs. B' fheudar dha [[An Tuirc]] an latha an-diugh fhàgail agus chaidh e dhan A' Ghrèig fhèin is e na fhògarrach bochd. Ann an [[1922]]/[[1923]] shiubhal e dhan [[Aonadh Sobhiat]] far an d' fhuair e ballrachd na [[Komsomol]]. Bha Zachariadis os cionn a' Phàirtidh aige bho [[1931]] gu ruige [[1956]] agus bha e a-measg nan daoine na bu chudromaiche ann an [[Cogadh Sìobhalta na Grèige]], a chaill na Comannaich air sàilleabh cionn thaic bho [[Stalin]].<ref>Shrader, Charles R. (1999). The withered vine: logistics and the communist insurgency in Greece, 1945-1949, Westport, Conn.: Praeger. ISBN 978-0-275-96544-0.</ref> A' chiad rud a rinn e, b' e am Pàrtaidh ùrachadh, leasachadh agus aonachadh. Ged a bha e sa phrìosan, agus a dh'aindeoin coimhearachd bho taobh a-staigh nan Comannach. Chuidich e ann an sabaid an aghaidh feachdan [[Hitler]] sa Ghrèig.<ref>Τσιντζιλώνης, Χρήστος (1989). ΟΚΝΕ 1922-1943 : Λενινιστικό, μαχητικό σχολείο των νέων. Αθήνα, Ελλάδα: Σύγχρονη Εποχή.</ref> Chaidh a chur gu [[Dachau]] fad trì [[bliadhna]]. Chaidh e dhan Aonadh Sobhiat na fhògarrach ann an [[1949]] far a chaochail e.<ref>[https://www.greek.ru/news/exclusive/1026/ АВГУСТА - ТРИДЦАТЬ ЛЕТ СО ДНЯ СМЕРТИ БЫВШЕГО ГЕНЕРАЛЬНОГО СЕКРЕТАРЯ КОММУНИСТИЧЕСКОЙ ПАРТИИ ГРЕЦИИ НИКОСА ЗАХАРИАДИСА]</ref> Chuir e a chuid [[foghlam|foghlaim]] san Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin ([[Ruisis]]: ''Международная ленинская школа'').<ref>Douglas Boyd, Daughters of the KGB, History Press, Bungay, ISBN 978-0-7509-6354-1</ref>
== Iomraidhean ==
<references/>