An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Poll Iù"

Content deleted Content added
+ dealbhan
Loidhne 25:
}}
 
'S e baile beag aig ceann Loch Iùbh a th ' ann am '''Poll Iù''' (Beurla: ''Poolewe'')<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=657| tiotal = Poll Iù/ Poolewe| foillsichear = [[Ainmean-Àite na h-Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2017-05-25 }}</ref> Tha e mu 4 mìle (6.5 km) ear-thuath air [[Geàrrloch]] air an rathaid A 832 agus mu dhà mhìle (3 km) iar air [[Loch Ma-ruibhe]]. Tha Abhainn Iubh a' sruthadh tron bhaile. 'S e aon de na h-aibhnichean as giorra ann an Alba a tha innte, tha i a' ruith airson mìle (1.6 km) eadar Loch Ma-ruibhe is a' mhuir.
 
Tha Abhainn Iùbh a' sruthadh tron bhaile. 'S e aon de na h-aibhnichean as giorra ann an Alba a tha innte, tha i a' ruith airson mìle (1.6 km) eadar Loch Ma-ruibhe is a' mhuir.
 
== Ainm na h-àite ==
Line 34 ⟶ 32:
== Oighreachd is Gàraidhean Inbhir Iù ==
Tha Oighreachd is Gàraidhean Inbhir Iù suidhichte tuath air a' bhaile. Chaidh na gàraidhean a chur air bhonn le Osgood MhicChoinnich anns na 1860an. Nuair a fhuair e an oighreachd cha robh ach aon chraobh a' fàs air a' chnoc chreagach seo leis an t-ainm 'Am Ploc Àrd'.<ref name=":0">{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=|tiotal=Inverewe Garden|url=http://www.undiscoveredscotland.co.uk/poolewe/inverewe/|ceann-là_inntrigidh=2017-07-15|foillsichear=Undiscovered Scotland|duilleagan=|cànan=Beurla}}</ref> Tha an oighreachd cho mòr ri 20 ha agus na laighe dìreach air a' costa, gun fàsadh idir. Ged-tà, air sgàth Sruth a' Chuain Siar a Tuath agus le fàs chraobhan is togail bhallaichean chaidh an oighreachd a thionndadh gu àite tìorail. Chaochail Osgood ann an 1922, ach chum an nighean aige, Màiri Sawyer, ris an obair leasachaidh a thòisich e. Thog i taigh an seo anns na 1930an. Ged a bha na gàraidhean a' tàladh luchd-tadhail bho chionn fhada, cha robh an taigh fosgailte dhan phoball. Ann an 1952, bliadhna ro bhàs Màiri Sawyer, thug i an oighreachd do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba.<ref name=":0" /> Ach thairis air na bliadhnaichean thuit an togalach ann an droch staid. San t-Sultain 2016 dh'fhosgail Taigh Inbhir Iù dhan phoball airson a' chiad uair a-riamh an dèidh £2m a chosg air obair-leasachaidh thairis air deich mìosan.<ref>{{Iomradh lìon|ainm=|sloinneadh=|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2016-09- 02|tiotal=Taigh Inbhir Iù fosgailte|url=http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/37256000|ceann-là_inntrigidh=2017-07-15|foillsichear=BBA Naidheachdan|duilleagan=|cànan=Gàidhlig}}</ref>
 
== Dealhan ==
<gallery>
Inverewe Garden 04.jpg|Taigh Inbhir Iù
Inverewe Garden - geograph.org.uk - 914948.jpg|Gàraidhean Inbhir Iù
Inverewe Garden 03.jpg|Gàraidhean Inbhir Iù
Inverewe Garden 01.jpg| Sealladh bhon ghàradh air Inbhir Iù
</gallery>
 
== Iomraidhean ==