An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Poll Iù"

Content deleted Content added
leasachadh, + tùsan
+ Oighreachd is Ghàraidhean Inbhir Iù
Loidhne 31:
== Ainm na h-àite ==
A rèir [[William J. Watson]] 's e 'Abhainn Iù' a thuirt muinntir a‘ bhaile ris a‘ bhaile fhèin. Tha e den bheachd gur dòcha gun tàinig am facal 'iù' bhon fhacal 'eo' ann an [[Gàidhlig na h-Èireann]] agus a‘ ciallachadh craobh-iubhair.<ref>{{Iomradh leabhar|ainm=William J. Watson|sloinneadh=Watson|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=1904|tiotal=Place Names of Ross and Cromarty|caibideil=|deasachadh=|ceann-là_tùsail=|foillsichear=The Northern counties Printing and Publishing Company|ionad=Inverness|duilleagan=230 -231|isbn=|ceann-là_inntrigidh=2017-07-15|url=http://www.archive.org/stream/placenamesofross00watsuoft#page/230/mode/1up}}</ref> Nochdaidh ainm a' bhaile mar 'Poll Iubh' no 'Abhainn Iubh' aig Iain Mac an Tàilleir.<ref>{{Iomradh lìon|ainm=Iain|sloinneadh=Mac an Tàilleir|ùghdar_eile=|ùghdaran_eile=|ceann-là=2003|tiotal=Ainmean-Àite|url= http://www.parliament.scot/Gaelic/placenamesP-Z.pdf |ceann-là_inntrigidh=2017-07-15 |foillsichear=|duilleagan=96 |cànan=}}</ref>
 
== Oighreachd is Ghàraidhean Inbhir Iù ==
Tha Oighreachd is Ghàraidhean Inbhir Iù suidhichte tuath air a' bhaile. Chaidh na gàraidhean a chuir air bhonn le Osgood MhicChoinnich anns na 1860an. Aig an àm ùd cha robh ach aon chraobh a' fàs air a' chnoc chreagach seo leis an t-ainm ''Am Ploc Àrd'', Tha an oighreachd cho mòr ri 20 ha agus na laighe dìreach air a' costa, gun fàsadh idir. Ged-tà, air sgàth Sruth a' Chuain Siar a Tuath agus le fàs chraobhan is togail bhallaichean chaidh an oighreachd a thionndadh gu àite tìorail.
 
Chaidh taigh a thogail anns na 1930an le Màiri Sawyer, nighean Osgood MhicChoinnich. Ged a bha na gàraidhean a' tàladh luchd-tadhail bho chionn fhada, cha robh an taigh fosgailte dhan phoball. an dèidh bàs Màiri Sawyer bha an togalach ann an droch staid agus chaidh £2m a chosg air obair-leasachaidh thairis air deich mìosan. An dèidh deich mìosan de dh’obair-càraidh dh'fhosgail Taigh Inbhir Iù san t-Sultain 2016 dhan phoball airson a' chiad uair a-riamh.
 
Tha an oighreachd fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba.
 
== Iomraidhean ==