An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pardubice"

Chaidh 75 baidht a chur ris ,  3 bhliadhnaichean air ais
 
==Eachdraidh==
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1295]] mar ''Pordoba'' nuair a thogadh [[mainistir]] an seo agus bhuineadh e dhan [[Ostair-Ungaire]] ro [[1918]].<ref>[http://www.pardubice.wrp.cz/historie_pardubic/pocatky_osidleni.html Pardubice]</ref> Thathar dhen bheachd gur ann às an [[ainm]] Porydęba, a bha na [[Manach|mhanach]] às [[A' Phòlainn]]. Bho [[1560]] a-mach, bha rìghrean na Seice a fuireach ann. B' ann anns an [[19mh Linn]] a thoisich am baile fhàs, air sàilleabh gun do dh'fhosgladh loidhne rèile eadar [[Pràg]] agus [[Olomouc]] ann an [[1845]], a dheidheadh tro Phardubice. Nochd mòran thaigh-ghnìomhachais mar Hübner-Opitz ([[1866]]), Prokop ([[1872]]), Fano ([[1889]]) agus Franck ([[1897]]). Ann dèidh [[An Cogadh Mòr|A' Chogaidh Mhòir]] b' e stuth ceimigeachd a bha aig teas-mheadhan [[eaconomaidh]] a' bhaile leis a' chompanaidh Semtín, a tha a' dèanamh semtex an seo fhathast. Anns [[An Dàrna Cogadh|An Dàrna Chogadh]] sheas muinntir Phardubice an aghaidh nan Nàsach agus b' ann ann a seo a chuireadh air bhog ionnsaigh [[Reinhard Heydrich]], a rinneadh ann am Pràg ann an [[1942]].<ref>[http://heydrichiada.pardubice.eu/cz/index-cz.html Heydrichiada]</ref> Thugadh droch pheanas air an sgìre air fad. Chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às a' bhaile is an dùthaich ann an [[1946]].
 
==Daoine Aimeil==
35,754

deasachadh