An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pardubice"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Template:Baile | AINM = Pardubice | BRATACH=Flag of Pardubice.svg | LÙIREACH = Pardubice CoA CZ.svg | LÙIREACH_LEUD = 95 | MAPA = Map cz Pardubice kro..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 19:32, 1 dhen Iuchar 2017

Pardubice
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Seic
Ceàrn Pardubice
Sgìre Pardubický kraj
Co-chomharran 50° 02 19' Tuath
15° 46 45' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 77.71 km²
Àireamh-shluaigh 89,693 (2017)
Dlùths 1,154.2/km²
Àireamh fòn + 773
Duilleag oifigeil http://www.pardubice.cz/

'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: okres) ann an cridhe Poblachd nan Seiceach a th' ann am Pardubice (IPA: pardubɪtsɛ, Gearmailtis: Pardubitz). Tha Pardubice suidhichte eadar Pràg agus Ostrava san roinn (Seacais: kraj) Pardubický, aig comar nan Aibhnichean Labe (Gearmailtis: Elbe), agus Chrudimka, aig 237m os cionn ìre na mara. Tha 89,693 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an deicheamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1062 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Chlàradh an t-ainm Gearmailteach mar Königingrätz ach chaidh a ghiorrachadh gu Königgrätz ro 1900. 'S ann à dà fhacal ann an Seacais a tha an t-ainm: hradec (Gàidhlig: caisteal) agus královna (Gàidhlig: banrigh). Bheireadh sin Caisteal na Bànrighinn dhuinn sa Ghàidhlig. B' e gu robh A' Bhanrigh Eliška-Rejčka (1288 - 1335)[2] na tàmh an seo fad corr is 30 bliadhna is am baile na phàirt dubharaidh na Bànrighinn. Anns an 15mh Linn ghabh na daoine à Hradec Králové leis na beachdan aig Jan Hus (1389 - 1415) agus iadsan nan Husaich làidir.[3] Dh'fhàg mòran Pròsdanaich am baile às dèidh Chath Weißen Berg ann an Cogadh nam 30 Bliadhna. Bha am baile fo bhuaidh feachdan Suaine fad 8 mìos ann an 1639.[4] Bha batal eile an seo ann an 1866 (Gearmailtis: Schlacht bei Königgrätz), far an do chuir arm na Prùise ruaig air feachdan na h-Ostair agus Rìoghachd Shagsainn. Cha do dh'fhàs am baile ach anns na 20an is 30an. Chaidh cha mhor a h-uile daoine aig an robh Gearmailtis a chur às a' bhaile is an dùthaich ann an 1946.

Daoine Aimeil

Iomraidhean

  1. Cunntas-sluaigh na Stàite
  2. A. Swieżawski: Przemysł. Król Polski, Warszawa 2006
  3. Husitstvi
  4. Geschichte des sieben jährigen Krieges in einer Reihe von Vorlesungen, Preußisch Grosser Generalstab, Berlin, 1824
  5. The Guardian

Ceanglaichean A-mach