An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ostrava"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Template:Baile | AINM = Ostrava | BRATACH=Flag of Ostrava.svg | LÙIREACH = Ostrava CoA CZ.svg | LÙIREACH_LEUD = 80 | MAPA = Map cz Ostrava kroton.svg..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 11:39, 27 dhen Ògmhios 2017

Ostrava
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Seic
Ceàrn Ostrava-město
Sgìre Moravskoslezský kraj
Co-chomharran 49° 50 08' Tuath
18° 17 33' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 230.19 km²
Àireamh-shluaigh 294,200 (2017)
Dlùths 1,278.07/km²
Àireamh fòn + 599
Duilleag oifigeil http://www.ostrava.cz

'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: obec) air an àirde an ear Poblachd nan Seiceach a th' ann an Ostrava (IPA: oˈstrava, Gearmailtis: Mährisch Ostrau, Pòlais: Ostrawa). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1229 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. 'S ann às an abhainn Ostrawitza a tha ainm a' bhaile. Dh'fhàs Ostrava gu math beairteach anns na meadhanan aoisean air sàilleabh gu robh e suidhichte air slighe mhalairt eadar An Ruis agus An Eadailt air an robh Slighe an òmair (Seacais: Jantarová stezka).[1] Bha am baile fo bhuaidh feachdan na Suaine ann an Cogadh nan 30 Bliadhna, bho 16211645, a chuir às do mhalairt. 'S ann ann an sgìre 's a tha loma-làn ghual 's a th Ostrava agus le sin thoisich Tionndadh Gnìomhachais an seo fad an 19mh Linn ach thàinig mèinneadh guail gu crìoch ann an 1994.[2] Rinn tuiltean droch sgrios air a' bhaile ann an 1997 agus 2009[3]. Tha Ostrava suidhichte air na crìochain leis A' Phòlainn, eadar Vienna agus Ostrava san roinn (Seacais: kraj) Moravskoslezský, aig comar nan Aibhneachan Oder (Seacais Odra) Ostrawitza (Seacais Ostravice), Lučina, agus Opava, aig 260m os cionn ìre na mara. Tha 294,200 duine a' fuireach ann.[4] 'S e an treas baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. Hrad Cerna Louka
  2. Geographical
  3. Radio CZ
  4. Cunntas-sluaigh na Stàite

Ceanglaichean A-mach