An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Brno"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 17:
| DUILLEAG = http://www.brno.cz/uvodni-strana/
}}
'S e [[baile]] mòr agus sgìreachd ([[Seacais]]: ''obec'') air an àirde an ear-dheas [[An t-Seic|Poblachd nan Seiceach]] a th' ann am '''Brno''' ([[IPA]]: ''br̩no'', [[Gearmailtis]]: ''Brünn''). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais mu [[1000]] agus bhuineadh e dhan [[Ostair-Ungaire]] ro [[1918]]. Thogadh caisteal an seo anns an [[11mh Linn]] agus chaidh a chuairteachadh leis an Righ Vratislaus II ann an [[1091]].<ref>Čapka, František (2003). "Ota Olomoucký a Konrád Brněnský". Morava. Stručná historie států. Pràg, ISBN 80-7277-186-8.</ref> Chuairtich feachdan na [[An t-Suain|Suaine]] an caisteal ann an [[1645]] ann an Cogadh nan 30 Bliadhna ach cha do ghèill am baile idir. Chaochail [[Mendel, Gregor|Gregor Mendel]] an seo ann an [[1884]].<ref>[https://mendelmuseum.muni.cz/cs/g-j-mendel/zivotopis Mendel Museum]</ref> Rinn tuiltean droch sgrios air a' bhaile ann an [[1938]] agus [[1941]].<ref>[http://adsabs.harvard.edu/abs/2009ems..confE.177B University of Harvard]</ref> Tha Brno suidhichte air na crìochain leis [[An Ostair]], eadar [[Vienna]] agus [[Ostrava]] san roinn ([[Seacais]]: ''kraj'') [[Jihomoravský kraj|Jihomoravský]], aig [[comar]] nan [[Abhainn|Aibhneachan]] Zwittawa (Seacais ''Svitava'') agus Schwarzach (Seacais ''Svratka''), aig 237m os cionn ìre na [[Muir|mara]]. Tha 377,028 duine a' fuireach ann.<ref>[http://www.statistik.at Cunntas-sluaigh na Stàite]</ref> 'S e an dàrna baile as motha na [[Dùthaich|dùthcha]] a th' ann cuideachd.
 
==Daoine Ainmeil==