An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba"

Chaidh 191 baidht a chur ris ,  3 bhliadhnaichean air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
Tha an '''GTCS''' ([[Gàidhlig]]: ''Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba'', [[Beurla]]: ''General Teaching Council for Scotland'') na buidheann clàraidh airson luchd-teagaisg na h-[[Alba]].<ref>[http://www.oscr.org.uk//charities/search-scottish-charity-register/charity-details?charitynumber=SC006187 OSCR]</ref> Tha inbhe chathrannais aige agus 's ann air tàillean a phàigheas luchd-teagaig a tha i a' cumail a dol.
==Eachdraidh==
Chaidh an GTC, mar a bha e, a stèidheachadh ann an [[1965]] fon ''Achd Chomhairle Theagaisg (Alba) 1965''<ref>[http://www.legislation.gov.uk/ukpga/1965/19 Legislation]</ref> leis gu robh amharas ann bu ìosail riatanasan inntrigidh do luchd-teagaisg ann an [[sgoil|sgoiltean]] na h-Alba an dèidh [[An Dàrna Cogadh|An Dàrna Cogaidh]] is daoine gun chead anns an t-siostam. Thathar air a cuid chumhachdan is dleastanasan atharrachadh fad nam [[Bliadhna|bliadhnaichean]] tro [[Lagh|laghan]] ùra, mar an ''Achd Teagaisg agus Foghlam Oilthighe ([[1998]])'' agus an ''Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba ([[2000]])''. Feumar gun clàraich a h-uile neach-teagaisg a tha ag obair ann an sgoiltean na stàite ann an Alba leis an GTCS, fo ''Achd Riaghailtean Riatanasan Inntrigidh do Luchd-teagaisg (Alba) [[2005]]''.
==Ceanglaichean A-muigh==
*[http://www.gtcs.org.uk/ GTCS]
Cleachdaiche gun ainm