An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair MacCoinnich"

Content deleted Content added
minimal renamings
b + ceangal gu Abhach
Loidhne 1:
[[Faidhle:Alexander MacKenzie by Thomas Lawrence (c.1800).jpg|right|250px|thumb|Alasdair MacCoinnich]]
 
B' e ceannaiche bhian a bha ann an '''Alasdair MacCoinnich''', a' chiad duine [[Roinn Eòrpa|Eòrpach]] a shiùbhailshiubhail thairis air Tir-mòr [[Aimearaga a Tuath|Ameireaga- a- Tuath]] agus a ràinig an [[Cuan Sèimh]].
 
Rugadh e an, neo faisg air, [[Steornabhagh]], [[Leòdhas|Eilean Leòdhais]] an [[1764]]. Às dèidh bàs a mhàthar an [[1774]] chaidh e còmhla ri athair gu [[Eabhraig Nuadh]]. Nuair a thòisich an t-[[Ar-a-mach Ameireaganach|Ar-a-mach Aimearaganach]] ann an [[1775]], chaidh athair Alasdair, a bha air a bhith na oifigeach airson [[a' chiad Rìgh Deòrsa|Rìgh Deòrsa]] ann an Arm Bhreatainn rè [[Prionnsa Teàrlach Stiùbhart|Bhliadhna Theàrlaich]], dhan Arm Dearg a-rithist agus chuireadh Alasdair fhèin tuath gu [[Canada]].
Ghabh e an sàs ann am malairt nam bian gun e ach còig bliadhna deug. Chuir e sùimsuim anns na bh' aig na h-Innseanaich ri ràdh mu chumadh na tìre anns an àirde an ear-thuath agus an 1789, aois còig bliadhna fichead, bha e os cionn iomairt a bha a' miannachadh slighe a lorg bho Chanada, nach robh ach na dùthaich bheag aig an am sin ach mun taobh sear, an iar dhan Chuan Sèimh.
 
Cha do shoirbichshoirbhich leis an sgrìob a rinn e an [[1789]]. Lorg e ceann aibhne a bha a' ruith an iar a mach à Loch Slèibh Mòr, ach cha do lean i ach dhan [[Cuan Argtach]]. (an-diugh 's e Abhainn MhicCoinnich a chanar ris an abhainn seo).
 
Dh'fheuch MacCoinnich a-rithist an [[1793]], 's e a' fagailfàgail Fort Fork air 9 an Cèitein. An turas seo lorg e beàrn sna Rockies agus ràinig a sgioba cladach a' Chuain Shèimh air [[22 an t-Iuchar|22 Iuchar]] [[1793]].<ref>[[An Dr Fionnlagh MacLeòid|Fionnlagh MacLeòid]], ''Alasdair MacChoinnich ann an Canada'', Steòrnabhagh: Acair, 1991, ISBN 0-86152-843-3</ref>
 
Thill MacCoinnich a dh'Alba na sheann aois. Chaochail e an [[1820]] agus chaidh a thiodhlacadhthìodhlacadh ann an [[Abhach]], san Eilean Dubh.
 
== Iomradh ==