An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-bharganachadh"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
'S urrainn do dh'aonaidhean-ciuird reiteachadh le aon neach-fastaidh (mar as abhaist a' riochdachadh luchd-earrann na companaidh) air neo buidheann de luchd-fastaidh a reir na [[duthaich|duthcha]], gus co-aontachaidhean airson a' ghnìomhachais air fad a dheanamh. Bidh co-chordadh ag obrachadh mar chumhnant obrach eadar luchd-fastaidh agus na h-aonaidhean-ciuird. Ann an co-bharganachadh bidh pròiseas reiteachaidh ann eadar riochdairean nan aonaidhean-ciuird agus riochdairean nan luchd-fastaidh (mar as abhaist air a riochdachadh le sgioba-stiùiridh na companaidh, no, ann an corra dhuthaich mar [[An Ostair]], [[An t-Suain]] agus [[Na Tìrean Ìsle]], air a riochdachadh le comann luchd-fastaidh) a thaobh chumhaichean obrach nan daoine, mar thuarastail, uairean-obrach, cumhaichean obrach is modhan chùisean-gearain, a thuilleadh air còraichean agus aonaidhean-ciuird. ‘S e Còrdadh co-bharganachaidh a chanar ris.
 
Chaidh am facal ''co-bharganachadh'' air a chleachdadh airson a' chiad turasturais ann an [[1891]] le Beatrice Webb, a bha an sàs anns na h-aonaidhean-ciuird.<ref>Donaghey, Dundon, Freeman, Wilkinson, Handbook of Research on Employee Voice, Edward Elgar Publishing, [[Cheltenham]], [[2017]]</ref> Thoisich co-bharganachadh naiseanta ann an siostam foghlam na h-[[Alba]] ann an [[1939]]. A-nis thathar ga dheanamh tron chomataidh SNCT (Comataidh Reiteachadh na h-Alba do Luchd-teagaisg).<ref>[http://www.eis.org.uk/About/our_history.htm EIS]</ref>
==Iomraidhean==
<references/>