An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Belisario Betancur Cuartas"

Content deleted Content added
Replacing Part.conservador.png with File:Bandera_del_Partido_Conservador_Colombiano.png (by CommonsDelinker because: File renamed: File renaming criterion #3: To correct obvious errors in
No edit summary
Loidhne 24:
'S e fear-[[lagh|lagha]], riochdaire dioplòmasach agus [[neach-poileataigs]] à [[Coloimbia]] th’ ann am '''Belisario Antonio Betancur Cuartas ''' ([[Amagá]], [[4 an Gearran]] [[1923]]).<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/biografias/belisario-betancur Banrepcultural]</ref> Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho [[7 an Lùnastal]] [[1982]] gu [[7 an Lùnastal]] [[1986]].<ref>[http://wsp.presidencia.gov.co/asiescolombia/presidentes/rc_63.html Presidencia de Colombia]</ref> 'S ann do [[Teaghlach|theaghlach]] beairteach a bhuineas e.<ref>[http://www.genealogiacolombiana.com/doc/1%20pres/1.23.2.pdf Genealogía Colombiana]</ref> Chaidh e dhan [[Universidad Pontificia Bolivariana|Oilthigh Bholivariana]]. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à [[Medellín]], ann an [[1945]] agus rug i triùir duine-cloinne dha.<ref>[http://www.eltiempo.com/archivo/documento/MAM-742742 El Tiempo]</ref> Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an [[1998]]. Phòs Betancur a-rithist ann an [[2000]] aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.
 
Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar [[1945]] agus [[1947]].<ref>[http://www.asia-abba.org/documentos/destacados/Roberto_Urdaneta_Arbelaez.pdf Asia]</ref> Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo [[Alberto Lleras Camargo]] fad corra mìos ann an [[1960]]: na mhinistear na h-Obrach fo [[Guillermo León Valencia|Ghuillermo León Valencia]] bho [[1962]] gu [[1963]].<ref>Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, Colombia, [[1983]]</ref> A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san [[An Spàinn|Spàinn]], bho [[1975]] gu [[1977]]. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do [[Mariano Ospina Pérez|Mhariano Ospina Pérez]] an aghaidh [[Gustavo Rojas Pinilla|Ghustavo Rojas Pinilla]]. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaighaghaidh [[Misael Pastrana Borrero|Mhisael Pastrana Borrero]] ann an [[1970]], ach chaill e.
 
Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall.<ref>Carrizosa Argáez, Enrique (1990). Linajes y bibliografías de los gobernantes de nuestra Nación 1830-1990. Bogotá: Kelly 958-9004-08-3.</ref> B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannarcachcheannairceach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e ordughanòrdughan dhan [[Arm]]: chaochail mòran ann am batal eadar [[saighdear|saighdearan]] agus Reubaltaich.<ref>[http://www.voltairenet.org/article122366.html Voltare]</ref> Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh [[Beinn-theine|a' beinn-teine]] ''Nevado del Ruiz'' ann an [[1985]], a rinn sgrios air [[Armero]]: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.<ref>Alejandro Reyes Posada, Guerreros y Campesinos, El Despojo de la Tierra en Colombia, Editorial Norma, 2009.</ref> Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.<ref>[http://elpais.com/diario/1982/10/26/deportes/404434808_850215.html El País]</ref>
 
== Ministearan ==