An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Salvador Puig i Antich"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 55:
 
==Beatha==
Choinnich Salvador ri Xavier Garriga agus na Bràithrean Oriol agus Ignacio Solé Sugranyes aig an sgoil-oidhche Maragall, an dèidh dha na sagaratan dha fhuadachadh bhon àrd sgoil [[Eaglais Chaitligeach|chaitligeach]] Salle Bonanova,<ref>[http://elpais.com/diario/2006/09/03/eps/1157264817_850215.html El País]</ref> air adhbharan a chuid dhroch ghiùlain. Stèidhich an ceithrear am buidheann ''Movimiento Íbero de Liberación'' (Gàidhlig: Gluasad Ibearach na Saoirse), neo MIL, an dèidh na tachartasan ann am [[Paris]] sa [[An Cèitean|Chèitean]] [[1968]].<ref>[http://www.portaloaca.com/historia/biografias/2103-biografia-de-salvador-puig-antich-anarquista-ejecutado-por-el-regimen-franquista.html Portal Oaca]</ref> A bharrachd air sin, bha e an sàs anns na [[Aonadh-ciùird|aonaidhean-ciùird]] taobh Comisiones Obreras cuideachd.<ref>[http://clandestinodeactores.com/laplacenta/?tag=salvador-puig-antich Clandestino de Autores]</ref> Thoisich Salvador ris a bhith a’ sabaid ann am MIL an dèidh dà bhliadhna a chur seachad san Arm agus ceum a ghabhail ann an [[Eaconomachd]] agus [[Poileataigs]] san oilthigh.<ref>[http://www.portaloaca.com/historia/biografias/2103-biografia-de-salvador-puig-antich-anarquista-ejecutado-por-el-regimen-franquista.html Portal Oaca]</ref> Ghoideadh MIL airgead bho na bancaichean agus shiubhladh iad gu tric chun na Frainge.
 
==Bàs==