An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lluís Llach i Grande"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 57:
Fhuair e droch làimhseachaidh bhon [[Deachdaire|dheachdaire]] [[Francisco Franco|Franco]], agus b’fheudar dha a theiche thall thairis gu [[Paris]] anns na [[70an]]. ‘S e a' chiad seinneadair ain-opàra a ghabh òrain san Taigh-cluiche Gran Teatre del Liceu a bh’ann Llach, is e a’ seinn ''Somniem'' (Nar cadal), san [[An t-Sultain|Shultain]] [[1979]]. Bha 103,000 duine an làthair aig consart a rinn e sa phàirc [[Ball-coise]] Nou Camp, am [[Barcelona]], air an siathamh latha dhen [[an t-Iuchar|Iuchar]] [[1985]],<ref>[http://www.letras.com/l/lluis_llach/ Letras.com]</ref> an cuirm-chiùil na bu mhotha a bha a-riamh san [[Roinn-Eòrpa]].
 
Chlàraich Llach 33 clàran eadar [[1969]] agus [[2007]]. Chleachdadh an t-òran na b' ainmeile agus na bu chonnspaidiche a rinn e a-riamh, L'estaca (An Cabar, [[1968]]), leis an [[Aonadh -ciùird]] Solidarność (air a stèidheachadh le [[Lech Wałęsa]]) agus an sgioba [[rugbaidh]] Unió Esportiva Arlequins de Perpinyà. A thuilleadh air sin, ‘s e òran ar-a-mach ann an [[Tuinisia]] sa [[Bliadhna|bhliadhna]] [[2011]] a bh' ann cuideachd.<ref>[http://www.publico.es/internacional/402786/los-islamistas-se-presentan-como-favoritos-en-los-comicios-tunecinos Público]</ref>
 
Ann an [[2011]] chuir e an Stòras Lluís Llach air dòigh, thall ann an [[Seanagal]].<ref>[http://www.lluisllach.cat/catala/catala.htm Fundació Lluís Llach]</ref> Bha an leabhar a sgrìobh e ann an [[2012]] ''Memòria d'uns ulls pintats'' (Cuimhne nan sùilean dathte) uabhasach soirbheachail. A bharrachd sin, bha e an sàs ann an stèidheachadh Assemblea Nacional Catalana (Co-chruinneachadh Nàiseanta Chatalòinia).