An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba"

Content deleted Content added
Loidhne 18:
 
== Tiomnadh chumhachdan agus co-bhanntachd ==
Bha am pàrtaidh an sàs anns an iomairt airson fèin-riaghlaidh ann an Alba, mar phàirt do prògram feadarail a’ phàirtidh do Bhreatainn air fad, is iad an sàs cuideachd ann an Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba còmhla ris na [[Pàrtaidh Làbarach na h-Alba|Làbaraich]], [[Pàrtaidh Uaine na h-Alba]], [[Aonadh-ciùird|aonaidhean-ciùird]] agus eaglaisean. Fhuair iad 17 seataichean ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean Albannach ann an [[1999]] is stèidhich iad co-bhann leis na Làbaraich, airson atharrachadh ann an lagh taobh chaitheamh an fhoghlaim is mion-atharrachadh ann an siostam taghadh na h-Alba. Chaidh ceannard a’ Phàrtaidh, [[Seumas Uallas]], na mhinistear an fhoghlaim ann an Alba agus na mhinistear a’ cheartais, a bharrachd air a bhith na phrìomh-mhinistear nuair a bha [[Dòmhnall Mac an Deòir]] tinn. Chaidh dreuchdan ministearan na co-bhanntachd air atharrachadh ri linn taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an [[2003]] is bha Uallas na mhinistear ghnothaich an uair sin. Leig Uallas a dreuchd air an 23mh latha dhen [[An t-Ògmhios| Ògmhios]] [[2005]] is chaidh [[Nicol MacStèaphain]] a thaghadh mar cheannard.
 
Anns an [[An Dùbhlachd|Dùbhlachd]] [[2007]] thug iadsan, na Làbaraich agus na [[Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba|Tòraidhean]] taic do choimisean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh am broinn na Breatainne Mòire a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Bha na Nàiseantaich air Còmhradh Nàiseanta a chur air dòigh ro-làimh, nach chumadh neo-eisimeileachd na h-Alba a-mach co-dhiù.