An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Odón de Buen y del Cos"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
Ann an [[1885]] fhuair e fiathachadh a dhol air turas-mara gu [[Lochlann]] air bhòrd an fhrigead ''Blanca''. Dhùisg an turas a bha seo uidh air a' mhuir aige. Nuair a thill e lorg e obair agus le sin bho bha e na thidsear [[ainmh-eòlas]] agus [[luibh-eòlas]] aig [[Oilthigh Bharcelona]] [[1889]] gu ruige [[1911]]. Fhuair e droch chàineadh às an [[Eaglais Chaitligeach]] leis gu robh e airson na beachdan aig [[Charles Darwin]] mu [[mean-fhàs|mhean-fhàs]] agus o chionn 's gu robh e airson [[poblachd]] anns An Spàinn.<ref>[http://esmateria.com/2013/12/14/el-divulgador-de-la-ciencia-acosado-por-la-iglesia/ Es Materia]</ref> Stèidhich e Institiùd Cuan-eòlas na Spàinne ([[Spàinntis]]: ''Instituto de Oceanografía Española'') ann an [[1914]].<ref>[http://www.ieo.es/web/ieo/historia IEO]</ref>
 
Bha e air taobh na Poblachd agus air sàilleabh sin b' fheudar dha an dùthaich aige fhàgail ann dèidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]]. Chaochail e na fhògarrach thall ann am [[Meagsago]], far a bheil a chuid oghaichean fhathast ann.<ref>{{iomradh lìon | url = http://cultura.elpais.com/cultura/2017/03/29/actualidad/1490745929_566091.html | tiotal = Odón de Buen, la llama erudita de la República española que perdura en México | ceann-là = 2017-03-29 | ainm = Víctor | sloinneadh = Usón | foillsichear = El País | ceann-là_inntrigidh = 2017-05-28}}</ref> Bha a mhac, [[Sadí de Buen Lozano]] ([[1893]] - [[1936]]), na eòlaiche-parasaite a rannsaich mailèiria. Chaidh a chur gu bàs tron [[Cogadh|chogadh]] leis na [[Faisisteachas|Faisistich]].<ref>Francisco Giral, Ciencia española en el exilio (1939-1989): el exilio de los científicos, Editorial del Hombre, Barcelona, 1994</ref>
 
==Na Sgrìobh e==